Taigh-Dubh Arnoil

Bileagan-Obrach     1Eachdraidh - Eachdraidh

Tha Taigh-dubh Àrnoil ag innse tòrr dhuinn mu dhòigh-beatha muinntir nan Eilean Siar anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh.

Bha gach cuid, beathaichean agus daoine, a’ fuireach anns an taigh-dhubh. Cha robh similear air an taigh agus bha teine mònach ri fhaicinn fad na tìde ann am meadhan a’ chidsin agus san àite-shuidhe. Ann an Àrnol, air taobh siar Eilean Leòdhais, tha an taigh-dubh na sheasamh fèar ri taobh nan taighean as ùire air an tugar am far-ainm ‘na taighean-geala’. Bha mullach nan taighean air an dèanamh de thughadh shràibh agus bha àite nam broinn a dh’aona-ghnothach do bheathaichean.

Dh’atharraich riaghailtean laghail is slàinte is iad ag agairt gum bu chòir togalach air leth a bhith ann do bheathaichean. B’ ann an uair sin a thàinig na ‘taighean-geala’ gu bith.


Suidheachadh coitcheann – beatha teaghlaich san taigh-dhubh

The Taigh-dubh Àrnoil caol agus fada le mullach tughaidh air a dhèanamh de fhraoch is de dh’fhailleanan, le còmhdach sràibh. Tha an togalach air a chur ri chèile le clachan, a gheibhear gu h-ionadail, ach chan eil saimeant eadar iad idir.  ‘S iongantach gun deach Taigh-dubh Àrnoil a thogail mu 1875.  Dh’fheumte ‘ùrachadh’ de dhiofar sheòrsaichean a dhèanamh ris, m.e am mullach – a b’ àbhaist a bhith air a thughadh gach bliadhna – ach an-diugh aithnichear gu bheil e air a dhèanamh de stuth nas seasmhaiche gus nach bi seo ri dhèanamh. 

Tha a’ cheò san fhàrdaich, cuide ri cho faisg agus a tha an t-àite-cadail agus na beathaichean air a chèile, a’ sealltainn cho fìor choitcheann ’s a bha an dachaighean teaghlaich.

Sabhal agus Bàthach

B’ e àiteachan eile a bha seo anns am faiceadh tu mucan, caoraich is fiù ’s corra bhò.  Cha robh na beathaichean an seo fad na tìde ach dìreach gan toirt a-steach nuair a bhiodh droch shìde ann, m.e bha a’ bho anns an aon fhàrdaich ris na daoine – rè mìosan a’ gheamhraidh a-mhàin – oir bha am bainne cho cudromach dha na daoine.


A’ Bhàthach

Bha mùn nam beathaichean a’ sìoladh sìos dhan talamh agus bha an amòinia feumail gus an taigh a dhèanamh nas glaine ’s nas fhallaine.


Todhar

Gach earrach bhathas a’ glanadh na bàthcha agus bha an todhar ga chur air an talamh airson mathachadh dha na bha a’ fàs. Bhiodh sgudal daonna cuideachd ga chleachdadh airson todhar. Bha am maistir feumail airson glanadh aodaichean mar clò. Cha robh amair ann idir; bha an crodh air an ceangal le ròpan ri pòla.


Innealan airson na croite

Bha innealan làimhe – corrain, spaidean, ràcain, speallan, tairsgeirean, agus baraillean is cistean airson biadh nan cearcan is nam beathaichean – air an cumail san t-sabhal. Bhite cuideachd a’ cumail clòimh nan caorach, aig àm bearraidh, san t-sabhal gus an deigheadh a reic.

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.