Croitearachd
Gu traidiseanta, bha fearann air Gàidhealtachd na h-Alba leis na cinnidhean, is ceann-cinnidh air an stiùir. Tha am facal ‘clan’ sa Bheurla a’ tighinn bhon fhacal ‘clann’ sa Ghàidhlig, agus aig aon àm bhiodh a’ mhòr-chuid dhiubh càirdeach. Mar sheòrsa de phàigheadh airson fearann a bhith aca, dheigheadh na daoine a shabaid airson a’ chinn-chinnidh nam feumte. Dh’atharraich a h-uile càil a tha seo an dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1745, nuair a chaidh cur às don t-seann siostam cinnidh agus a fhuair na daoine fhèin tomhas de sheilbh air fearann.
Bha na cinn-cinnidh a-nis nan uachdarain, ’s gun feum aca tuilleadh air daoine a bhiodh a’ sabaid dhaibh, ach dòigh a lorg a-nis gus prothaid a dhèanamh air an fhearann ‘acasan’. Cha b’ fhada gum faca iad gun gabhadh prothaidean na bu mhotha a dhèanamh air tuathanasan chaorach an àite àireamh mhòr de luchd-màil. Dh’adhbhraich seo Fuadaichean nan Gàidheal. Chunnacas muinntir na tìre air am fuadach bho àiteachan mòra fearainn air a’ Ghàidhealtachd gus àite a dhèanamh dha caoraich. B’ ann gu oirthirean a bhiodh na daoine sin gu tric air am fuadach, far am faigheadh iad pìosan beaga de thalamh, neo-thorrach mar bu trice, a b’ urrainn dhaibh a threabhadh airson beagan bith-beò cho fad ’s gum pàigheadh iad màl bhliadhnail.
B’ e croitean a chante ris na pìosan talmhainn seo. Is minig a bha iad ro bheag airson bith-beò a dhèanamh asta, a’ ciallachadh gun robh an luchd-màil ùr, na croitearanan, an eisimeil obraichean eile gus airgead a chosnadh a phàigheadh am màl.
A bharrachd air a’ chruadal seo, b’ urrainnear na cròitearan a chur far an fhearainn aig àm sam bith leis na h-uachdarain oir, gu laghail, b’ ann leothasan a bha am fearann. Cha robh dìon fearainn aca. Cha robh smachd aca air màl a bharrachd, oir b’ urrainn dhan uachdaran a chur an-àirde aig àm sam bith.
Bha trioblaidean dhen t-seòrsa seo cuideachd a’ toirt buaidh air luchd-màil fearainn bheaga ann an Èirinn, a bha cuideachd fo riaghladh Bhreatainn aig an àm. An sin, chaidh Lìog Fearainn Nàiseanta na h-Èireann a stèidheachadh ann an 1879 gus ath-leasachadh a thoirt air siostam an uachdarain. Goirid an dèidh seo, chaidh Lìog Fearainn na Gàidhealtachd, no Pàrtaidh nan Croitearan, a stèidheachadh ann an Alba, a’ sabaid airson nan aon chòirichean sna 1880an. Chuir iad air dòigh stailcean màil agus creachadh fearainn, agus b’ e ‘Is treasa tuath na tighearna’ an suaicheantas aca. Fhuair Pàrtaidh nan Croitearan air Buill Pàrlamaid a thogail anns an taghadh ann an 1885, agus chaidh Achd nan Croitearan troimhe an ath bhliadhna. Thug an Achd seo piseach mhòr air suidheachadh nan croitearan agus dh’adhbharaich seo tuilleadh Achdan Croitearachd a tha nan riaghailt-stiùiridh air croitearachd an latha an-diugh.
Tha faisg air 20,000 croit an iar-thuath na h-Alba, is còrr is 15,000 de chroitearan. Nuair a bheirear teaghlaichean a-steach dhan chùis, tha mu 33,000 duine an lùib croitearachd an-diugh. Tha mu chòig heactairean ann an croit agus gheibhear cuideachd roinn ann an talamh ionaltraidh a’ bhaile. Mar as trice ’s e feòil uain no feòil mairt toradh an fhearainn. Tha a’ chuid as motha de chroitearan nan luchd-màil, ach ’s urrainn dhaibh an cuid fearainn a thoirt dha cuideigin eile tro shiostam bho stiùir Choimisean na Croitearachd.
Loidhne-tìm
Gnìomhan
- Dèan duilleag fiosrachaidh a’ mìneachadh dè a tha ann an croit.
- Dèan taisbeanadh a’ sealltainn croitearachd sa bhaile agad fhèin.