Gnìomhachas Na Feamad Ann An Alba

Bileagan-Obrach     19Eachdraidh - Eachdraidh

Eachdraidh Ghoirid

’S iomadh rud a tha an cuan a’ falach, agus tha an stuth donn slìomach a tha ri fhaotainn mu oirthir ar dùthcha air a bhith na phàirt air leth cudromach dhen eachdraidh againn airson ceudan bliadhna.

Bha e gar beathachadh airson nam mìltean de bhliadhnaichean agus tha e fiù ’s a’ nochdadh ann am pìos bàrdachd bho 563 AD, a th’ air a chur às leth Naomh Colm Cille. Bha an fheamainn dhearg air a bheil duileasg air a h-ithe gu traidiseanta le min-choirce ann am brot tiugh no air a goil agus air a h-ithe le ìm.

Tron 18mh and 19mh linn, bha feamainn air a cruinneachadh airson talamh croite a mhathachadh. Bha tomhas math dhith cuideachd air a cleachdadh ann an giullachdan ceimigeach, a leithid gnìomhachasan an t-siabainn agus na glainne. Dh’fheumadh i bhith air a tiormachadh agus air a losgadh gu cùramach ann an sloc, no ann an àth-cheilpe. B’ ann ùilleach, liath a bha an stuth a bh’ air fhàgail agus bha seo air a thoirt air falbh ann am bàtaichean gu factaraidhean. Ann an Innse Gall, bha gnìomhachas na ceilpe deatamach do bheatha nan daoine, ach às dèidh 1822 dh’fhàs e na bu shaoire a toirt a-steach bho àiteachan eile agus thàinig crìonadh air a’ ghnìomhachas ann an Alba. Bha seo na bhuille chruaidh do dh’eaconamaidh na Gàidhealtachd agus nan Eilean, oir bha na Fuadaichean a’ tachairt cuideachd.

Thòisich aidhiodain ga thoirt às an fheamainn nuair nach b’ fhiach a bhith a’ losgadh na ceilpe. Bha seo fada na bu duilghe a dhèanamh.

Bha an ceimigear Sasannach, Eideard Curtis Stamford, na eòlaiche air a bhith a’ tarraing aidhiodain, agus ann an 1893, rinn e a’ chùis air an t-salann alginate a thoirt à feamainn. Tha an stuth seo air a chur gu feum ann an iomadh dòigh airson rudan a dhèanamh nas tighe, agus tha e air a chleachdadh ann an deochan, reòiteagan, maise-gnùise agus airson toirt air silidh seatadh. Tha e cuideachd air a chleachdadh ann an gnìomhachas nan cungaidhean-leighis. Tha an salann alginate air a chleachdadh ann am fiaclaireachd, buill-bhodhaig fhuadain agus ann an obair mholldachadh.

Anns na 1960an, bha gnìomhachas na feamad aig àirde tarsaing a’ Chosta an Iar, agus bha a’ chompanaidh Alginate Industries air leth soirbheachail.

Chaidh factaraidhean feamad a stèidheachadh ann an Spònais ann an Uibhist a Tuath ann an 1955 agus ann an Ceòs ann an Leòdhas ann an 1965. Bha seo a thuilleadh air na cruinneachaidhean ionadail a bha a’ gabhail àite ann an iomadh sgìre, a leithid Earra-Ghàidheal agus Siorrachd Àir. Ach cha b’ urrainn do dh’Alba cumail suas ris an iarratas a bh’ air a’ bhathar, agus cha b’ fhada gus an robh e air a thoirt a-steach à Èirinn, Innis Tìle, Nirribhidh, Afraga a Deas, Sìona, agus Tasmàinia. Ann an 1979, chaidh Alginate Industries a reic ri companaidh à California agus mun àm seo cuideachd bha na Sìonaich air tòiseachadh air obair na feamad. Dh’atharraich a’ chompanaidh a h-ainm grunn thursan agus mu dheireadh dhùin an t-ionad a bu mhotha ann an Alba ann an 2008, nuair a stad an obair ann am factaraidh Inbhir Gharbhain.

Ann an 2006, chaidh Companaidh Feamad Innse Gall a stèidheachadh agus tha factaraidh aca ann an Àirinis, air iomall baile Steòrnabhaigh. Tha a’ chompanaidh a’ dèanamh bathar le feamainn airson biadh bheathaichean, mathachadh talmhainn, salann agus stuthan beathachaidh. Tha farsaingeachd ann de ghnìomhachasan beaga air feadh Alba a tha a’ cur feamainn gu feum, gu ìre mhòr ann am margaid a’ bhìdh-fhallain agus airson maise-gnùise.

Tha mòran dhaoine mothachail air na buannachdan a tha an lùib feamainn, seach gu bheil i air leth brìoghmhor ann am mèinnirean, agus tha piseach air tighinn air a’ ghnìomhachas o chionn beagan bhliadhnaichean. Tha i a-nis air a meas mar ‘sàr-bhiadh’, agus tha fèill mhòr oirre. 

Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.