Camanachd
Tha camanachd Èireannach, (no cuidhlearachd), a tha mu 2000 bliadhna a dh’aois, gu math coltach ris agus tha iad bho thùs a’ tighinn bho ghèam air a bheil na h-Èireannaich agus na h-Albannaich gu math eòlach. Cluinnear mu gach seòrsa camanachd ann an sgeulachd Chù Chulainn, gaisgeach miotas-eòlas Cheilteach. Tha ceangal làidir aig camanachd ris na Ceiltich agus na Gàidheil.
Mar bu trice, b’ ann rè mìosan a’ gheamhraidh a bhitear ga chluich, le Latha na Bliadhn’ Ùire na làtha mòr far an robh na bailtean a’ tighinn còmhla gus geamannan a chluich. Bhiodh cluicheadairean tric a’ cleachdadh pìos fiodha le cromag mar chaman. Ann an Uibhist, air sgàth gainnead chraobhan is pailteas feamad, bhathar a’ cleachdadh pìosan staimh. Tha na camain ùra air an dèanamh de shiotaichean uinnsinn no hiocaraidh, air an glaodhadh agus air an gearradh ann an cumadh freagarrach. B’ àbhaist am bàlla a bhith air a dhèanamh de phìos cruinn fhiodha no cnàimh, air an tugar cnapag uaireannan, ach cha b’ fhada gus an tugar leasachadh air an seo gu bhith nam bàllaichean leathair mar a th’ againn an-diugh.
’S e prìomh amas a’ gheama, bàlla beag fhaighinn eadar na puist-tadhail, no ‘hail’, a tha aig gach ceann dhen raon a tha eadar 140-170 slat. B’ àbhaist a bhith ga chluich air feur, ach bho 2009 faodar a chluich air talamh fuadain cuideachd. Faodaidh cluicheadair am bàlla a chluich san èadhar agus gach taobh dhen chaman a chleachdadh. Faodar an caman a chleachdadh cuideachd gus ionnsaigh a thoirt no na h-inneal-dìona, ged nach fhaod an neach-dùbhlain a thighinn sìos air do chaman. Canar ‘slaiseadh’ (no ‘hacking’) ri seo. Faodar do chorp a chleachadadh gus ionnsaigh a thoirt air cluicheadair eile cho fad ’s gu bheilear gualainn ri gualainn mar ann am Ball-coise a’ Chomainn.
Chan urrainn do chluicheadair stad a chur air a’ bhàlla ach leis a’ chaman, am broilleach, dà chois còmhla air neo le aon chas air an talamh. Chan urrainn ach an neach-gleidhidh a làmhan a chleachdadh agus feumaidh a bhois a bhith fosgailte. Chan fhaod e a ghlacadh. Ma chleachdas tu do cheann, a dh’aon ghnothaich air neo gun fhiosta, thathas ga fhaicinn mar dhoigh-cluiche cunnartach. Seo eisimpleirean eile de chluich chunnartach a thèid a pheanasachadh: cluicheadairean, is iad air rabhadh fhaighinn, a’ cluich a’ bhàlla agus cuideachd crathadh camain san èadhar ann an leithid a dhòigh ’s gum faodar neach eile a ghoirteachadh.
Tha Comann na Camanachd, stèidhichte an Inbhir Nis, a’ ruith ’s a’ riaghladh a’ gheama. Bidh iad a’ ruith nam farpaisean cuaich is an lìog agus a’ cuideachadh le trèanadh agus taic airgid. A thuilleadh air gèam nam fear, tha boireannaich cuideachd a’ cluich camanachd, le òigridh, sgoiltean agus sgiobaidhean bho na h-oilthighean cuideachd a’ gabhail pàirt agus ri farpais.
Eachdraidh Camanachd Leòdhais
Tha Club Camanachd Leòdhais a’ sealltainn mar a tha an spòrs a’ fàs nas cumanta ann an Alba. Leis cho measail ’s a bha a h-uile duine air ball-coise san 20mh linn, cha mhòr nach robh camanachad air a dhol à bith ann an Leòdhas. Co-dhiù, dh’ath-stèidhichear an club camanachd air Diardaoin 7mh Dùbhlachd 2006, agus ghabhar pàirt ann am farpais Cuach nàiseanta airson a’ chiad uair ann an 2007. Stèidhichear cuideachd Cuach Fèis Cheilteach Innse Gall ann an 2007, an toiseach an aghaidh Hebrides All-Stars, agus an dèidh sin an aghaidh Uibhist. Bhuannaich an Club an cuach ceithir turais. Ann an 2011, rinn iad tagradh gus faighinn a-steach gu siostam lìog a’ Chomainn Chamanachd, agus cheadaichear sin. B’ ann airson seusan 2011 a bha seo sa chiad dol a-mach.
Chluich Leòdhas a’ chiad ghèam lìog sa Mhanachainn air 5mh Màrt 2011. Ged a chaillear 5-1, b’ iad a fhuair làmh-an-uachdair sa chiad mhionaidean dhen ghèam agus dh’fhuirich iad air thoiseach airson uair a thìde.
Gnìomhan
- Rannsaich eachdraidh a’ chamanachd.
- Faigh a-mach mu na ceanglaichean eadar e is geamannan a thathas a’ cluich an Èirinn, sa Chuimrigh agus an Eilean Mhanainn.
- Faigh a-mach mu chlubaichean camanachd agus farpaisean a tha Comann na Camanachd a’ cur air dòigh.