An Dàrna Cogadh

Bileagan-Obrach     20Eachdraidh - Eachdraidh

Airson faisg air sia bliadhna, eadar 1939-1945, bha Breatainn a’ sabaid sa chogadh a bu mhiosa ann am fèin-fhiosrachadh na dùthcha.

Bha An Dàrna Cogadh a’ toirt buaidh air a h-uile duine – bha gach duine, gnìomhachas agus seirbheis na lùib. Cha b’ e Breatainn a-mhàin a bha a’ sabaid; bha 61 dùthaich ann uile gu lèir. Thathar a’ tuairmse gun do chaill 60 millean duine am beatha agus gun deach na mìltean de mhilleanan an leòn.

An dèidh don Chiad Chogadh a thighinn gu ceann ann an 1918, dh’fheumadh A’ Ghearmailt talamh a thoirt seachad agus chaidh casg a chur orra bho fheachdan airm a bhith aca. Ann an 1933, bhòt muinntir na Gearmailt airson ceannard air an robh Adolf Hitler. Bha e os cionn pàrtaidh poilitigeach air an robh na Sòisealaich Nàiseanta no na Natsaidhean. Gheall Hitler gum biodh an dùthaich beairteach a-rithist agus cha b’ fhada gus an robh armachd aig a’ Ghearmailt aon uair eile is gun robhar a’ creachadh thalmhainn bho dhùthchannan eile. Bha tancaichean agus carbadan a’ giùlan luchd an airm a’ taomadh a-steach dhan dùthaich, le taic bho bhomairean dàibhidh Stuka. Chaidh 1.2millean de shaighdearan a-steach dhan Phòlainn.

Dà latha an dèidh sin, air 3mh Sultain 1939, ghairm Prìomhaire Bhreatainn, Neville Chamberlain, cogadh an aghaidh na Gearmailt.

Leig Neville Chamberlain dheth a dhreuchd mar Phrìomhaire anns a’ Chèitean 1940 agus ghabh Winston Churchill àite. Ann an ciad làithean dorcha an Dàrna Cogaidh, b’ e glè bheag de dh’armachd cheart a bh’ aig Churchill. B’ ann le bhriathran a thug e ionnsaigh air daoine.

Tha na h-òraidean a lìbhrig e an uair sin am measg feadhainn cho cumhachdach ’s a chualas a-riamh sa Bheurla.

B’ ann eadar dà bhuidhinn de dhùthchannan a chaidh an Dàrna Cogadh a shabaid. Air aon taobh bha Cumhachdan Axis, A’ Ghearmailt, An Eadailt agus Iapan nam measg. Air an taobh eile bha na h-Allies. Nam measg bha Breatainn, An Fhraing, Astràilia, Canada, Sealan Nuadh, Na h-Innseachan, An t-Aonadh Sòbhiatach, Sìona agus Ameireaga.

Bha Iapan airson smachd fhaighinn air Àisia agus air a’ Chuan Shèimh. Ann an 1937 thug Iapan ionnsaigh air Sìona.

Bha cuid de dhùthchannan nach robh airson gnothach a ghabhail ris a’ chogadh, agus cha do ghabh iad taobh seach taobh. Bha An Spàinn, An t-Suain agus An Eilbheis am measg nan dùthchannan sin. Bha Èirinn san aon suidheachadh ged a thug iomadach Èireannach taic dha na h-Allies.

Ann an 1943 bha na h-Allies a’ buannachadh. B’ e aon adhbhar airson seo gun robh na factoraidhean aca a’ togail na mìltean de thancaichean, shoithichean agus itealain. Ann an 1944, thàinig airm leotha à Breatainn gus saorsa a thoirt don Fhraing. Thug iad ionnsaigh air A’ Ghearmailt an uair sin. Air 8mh Cèitean 1945 bha an cogadh san Roinn Eòrpa seachad, ghabh na h-Allies ri gèilleadh na Gearmailt agus seachdain an dèidh sin chuir Adolf Hitler làmh na bheatha fhèin.

Lean Cogadh a’ Chuain Shèimh gu an Lùnastal 1945. Bha sabaid eagalach air Eileanan a’ Chuain Shèimh agus blàran mara mòra. Mu dheireadh, leag na h-Allies bomaichean atamach air dà bhaile mòr Iapanach, Hiroshima agus Nagasaki. Bha am milleadh cho eagalach is gun ghèill muinntir Iapan. Thàinig an Dàrna Cogadh gu ceann.

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

  1. Faigh a-mach le bhith a’ faighneachd do bhuill teaghlaich no daoine sa choimhearsnachd mu dhaoine air an robh iadsan eòlach a bha sa chogadh agus dèan rannsachadh air a’ bhuaidh a thug e air do bhaile no do choimhearsnachd.
  2. ’S e feasgar, an 3mh latha dhen t-Sultain a th’ ann agus tha thu fèar air cluinntinn gu bheil an Cogadh air a ghairm. Sgrìobh leabhar-latha a’ toirt iomradh air do chuid smuaintean is d’ fhaireachdainnean.
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.