Clò Hearadh

Bileagan-Obrach     4Eachdraidh - Eachdraidh

Tha a’ Clò Hearadh ainmeil air feadh an t-saoghail airson cho math agus cho maireannach sa tha e. 

’S ann a-mhàin ann an Leòdhas agus na Hearadh a tha e air fhighe agus gu dearbha ’s e an clò is ainmeile ann an Alba.  Anns na beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad tha a’ chlò air aiseirigh fhaicinn air sgath ’s gu bheil luchd-dealbhachaidh eadar-nàiseanta air ùidh a shealltainn ann.  Airson a bhith air fhaicinn mar Chlò Mhòr oifigeil feumaidh an ‘orb’ a bhith air a stampadh air a’ chlò (feumaidh riochdaire bho Ughdarras a’ Chlò Hearaich seo a dhèanamh) agus feumaidh e bhith air fhighe ann an dachaighean nam breabadairean air beartan sònraichte. 

Tha a’ chlò air a bhith air fhighe san dòigh seo fad bhliadhnaichean.

Gu meadhan an 19mh linn ’s ann dìreach airson margaidhean ionadail no airson dachaighean a bha e air a dhèanamh.  Ach ann an 1846, dh’iarr a’ Bhean-uasal Dunmore, banntrach Iarla Dunn, air breabadairean an tartain Moireach a dhèanamh ann an clò dhi.  Thug i a-steach leasachaidhean anns an dòigh a bha iad a’ dèanamh a’ chlò agus bha seo cho soirbheachail gun do thòisich i ga mhargaidheachd gu na caraidean aice fhèin.  Seo mar a thòisich a’ ghnìomhachas.  Leis an obair mhargaidheachd seo thòisich marsantaich ga cheannach ann am bailtean mòra air feadh Bhreatainn.

Aig toiseach an 20mh linn thòisich a’ ghnìomhachas a’ leudachadh gu mòr agus chaidh aontachadh suaicheantas oifigeil a chur an gnìomh gus dèanamh cinnteach nach biodh feadhainn eile a dèanamh clò agus a dèanamh a-mach gur e Clò Hearadh a bha ann.  Dh’ fheumadh an clò a bhith air a sgrùdadh agus ’s ann an uairsin a bhiodh an orb air a stampadh air.   Thòisich seo ann an 1911 agus ’s e clò a bha air a dhèanamh ann an dachaighean a bha airidh air an tiotal oifigeil seo.  

‘S iad a’ chompanaidh George Hattersley & Sons a’ chompanaidh a bha a’ dèanamh na beartan.  Ann an 1919 thàinig trichead beart dha na h-Eileanan.  Ann an 1924 thàinig beartan na bu mhotha agus tha feadhainn aca fhathast air a’ chleachdadh anns na h-Eileanan.

Ann an 1964 ghabh cùis lagha cudromach àite agus cha robh dragh air muinntir na h-Eileanan mu bhith a farpais an aghaidh breabadairean bho tìr mòr.  Bha a’ ghnìomhachas aig àrd ìre.  Ach, mus d’ thàinig deireadh na ochdadan bha fasanan air atharrachadh agus thàinig crìonadh air a’ ghnìomhachas.  Tha Ùghdarras a’ Chlò Hearaich air a bhith ag obair bho dheireadh na ochdadan gus leasachaidhean a chur an gnìomh. 

Tha clò a-nis air a dhèanamh air beartan ùra agus tha breabadairean a’ cleachdadh teicneòlas ùra.

Ann an 2007 dh’fhosgail Clò Hearadh Innse Gall, a tha stèidhichte ann an Siaboist agus tha iad air a bhith soirbheachail dha rìreabh, a’ dèanamh clò dha luchd-dealbhachaidh leithid Alexander McQueen, Chanel agus Vivienne Westwood.  Tha Muillean Chàrlabhaigh cuideachd a’ toirt cosnadh do chòrr air trichead neach.  Anns na h-Eileanan tha barrachd dhaoine a’ tilleadh air ais gu bhith nam breabadairean agus a’ toirt cosnadh do ghinealach ùr.  Tha sinn an dòchas gu lean seo agus gum bi a’ chlò sònraichte againn air fhaicinn mar aon de na rudan as fasanta san t-saoghal!

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

  1. Rannsaich an eadar-lìon gus faighinn a-mach mu na dòighean eadar-dhealaichte a tha clò Hearadh air a chleachdadh.
  2. Faigh a-mach a bheil ceanglaichean sam bith agad fhèin ris a’ ghnìomhachas – ‘s docha gun robh beart aig cuideigin san teaghlach no ‘s docha gun robh iad ag obair ann am muileann.  Dean agallamh le cuideigin a bha no a tha a’ sàs anns a’ ghnìomhachas.
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.