Loidhne-tìm
A’
Fhraing
Fhraing
Alba
Èirinn
100
400
500
600
700
800
900
1000
1100
1200
1300
1400
1500
1600
1700
1800
1900
2000
2100
- 100-
400 - Thòisich Gàidheil a’ tighinn a dh’Alba à Eireann, agus beag air bheag stèidhich iad r`oghachd Dhàl Riata ann an sgìre Earra Ghaidheal.
- 400-
800 - Bun-reachd a’ chànain Occitan agus a’ chiad teacsaichean ann an Occitan.
- 431
- Ghluais an Naomh Pàdraig a dh’ Èirinn, a’ toirt a’ chreideamh Crìostaidh leis.
- 563
- Rugadh Colm Cille ann an Dùn nan Gall ann an Eireann, ach ghluais e gu Dàl Riata far an do thog e abaid ann an Eilean Ì. Shiubhal e air feadh Albh a’ searmanachadh agus a’ teagasg a’ chreideimh Crìostachd.
- 795
- Ràinig na Lochlannaich Èirinn. Bha buaidh laidir aca air cànan, cultar agus dreach-tìre na h-Èireann.
- 900-
1000 - Seo an t-àm bu shoirbheachaile a bh’ aig a’ Ghàidhlig ann an Alba. Bha a’ mhòr chuid den t-sluaigh ga bruidhinn agus chaidh "Alba" a thoirt air an rìoghachd mar ainm.
- 1000-
1200 - Linntean nan Troubadour. Sgaoil an cànan Occitan air feadh na Roinn Eòrpa.
- 1070
- Phòs Rìgh na h-Alba, Calum a’ Chinn Mhòir, Margaret, bana-phrionnsa Shasannach, agus dh’atharraich cànan na cùirte gu Beurla.
- 1169
- Thàinig na Normanaich a dh’Èirinn, a’ toirt leotha cleachdaidhean eadar-dhealaichte agus cànan eile.
- 1323
- Chaidh an Consistòri del Gai Saber (seòrsa de chuirt de bhàrdachd agus saidheans) a chruthachadh ann an Toulouse, agus chaidh tràchdas a sgrìobhadh air gràmar Occitan ann an 1356.
- 1539
- Reachd rìoghail Villers-Cotterêts: b’ e Fraingis a-mhàin cànan oifigeil na Frainge.
- 1540
- Fon phoileasaidh "gèill agus ath-bhuilich", dh’fheumadh uachdarain Èireannach bòidean dìlseachd a ghabhail don Rìgh Henry VIII airson an cuid fearainn a ghlèidheadh.
- 1567
- Rinn Pèir de Garros seasamh airson cànan Oc.
- 1603
- Aonadh nan Crùn aig Alba agus Sasann. Chaidh an siathamh Rìgh Seumas aig Alba a chrùnadh mar a’ chiad Rìgh Seumas aig Sasann. Ghluais cùirt na h-Alba sìos a Lunnainn.
- 1607
- Ruaig nan Iarlan: sheòl Iarlan Tír Eoghain agus Tír Chonaill bho Èirinn agus chaidh an cuir fo chasaid traoidhtearachd.
- 1695
- Stèidheachadh nan Laghan Peanais; laghan a dh’èignich sluagh Caitligeach na h-Èireann.
- 1746
- Rinn mac an dàrna Rìgh Seòras, an Diùc Cumberland, sgrios air airm a’ Phrionnsa Tearlaich Òig Stiùbhairt aig Blàr Chùil Lodair. Chaillear mòran de dhualchas na Gàidhlig ri linn seo.
- 1767
- Chaidh an Tiomnadh Nuadh eadar-theangachadh gu Gàidhlig leis an Dr Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn agus le Dùghall Bochanan à Raineach. Bha an Seann Tiomnadh ri fhaighinn ann an Gàidhlig ann an 1801.
- 1793
- Dh’fhoillsich an Aba Grégoire "Aithisg air deatamachd cuir às dha dual-chainntean ionadail" ann an riaghladh poilitigeach Fraingis a’ Choinbheinsean.
- 1845
- A’ Ghort Mhòr. Ri linn gaiseadh sa bhuntàta lughdaich àireamh-shluaigh na dùthcha bho 8 gu 6 millean tro acras, eilthireachd agus galaran. Dh’fhàg mòran de luchd-labhairt na Gàidhlig aig an àm seo.
- 1872
- Dh’fheumadh a h-uile pàiste ann an Alba a dhol dhan sgoil bho Achd an Fhoghlaim (Alba) na bliadhna seo. Ach cha robh guth air foghlam Gàidhlig san Achd, agus rinn seo cròn mòr air a’ Ghàidhlig.
- 1884
- Chaidh Cumann Lúthchleas Gael a stèidheachadh gus spòrs na h-Èireann a bhrosnachadh.
- 1904
- Chaidh Duais Litreachais Nobel a bhuileachadh air Frédéric Mistral airson a’ bhàrdachd Mirelha, sgrìobhte ann an Occitan.
- 1916
- Èirigh na Càisge. Lean Èiridh na Càisge airson seachdain, agus chaidh binn-bhàis air ceannardan an ar-a-maich. Chuir seo fearg air an t-sluagh agus dh’fhàs mi-thoileachas le riaghladh Bhreatainn.
- 1922
- Chaidh Saor-stàit na h-Èireann a chur air bhonn às dèidh iomadach bliadhna fo riaghladh Bhreatainn.
- 1935
- Dh’fhoillsich Lois Alibert an Gramatica Occitana, a shuidhich dòigh litreachaidh clasaigeach Occitan.
- 1937
- Stèidhich Bunracht na h-Èireann an dùthaich mar Phoblachd.
- 1951
Thug an lagh "Deixonne" cead dha teagasg nan dual-chainntean sgìreil, agus chaidh an ainm "Occitan" a stèidheachadh gu h-oifigeil.
- 1985
- Dh’fhosgail Ionad Gàidhlig ann an sgoil ann an Glaschu, agus an uairsin ionadan eile am broinn sgoiltean sna h-Eileanan Siar. Tha a-nis còrr air 60 ionad no sgoiltean Gàidhlig air feadh Alba.
- 2005
- Chaidh Bòrd na Gàidhlig a stèidheachadh fo Achd na Gàidhlig (Alba), airson inbhe na Gàidhlig a ghlèidheadh mar chànan oifigeil, agus àireamh nan luchd-labhairt a mheudachadh.
- 2011
- Thug alt 75-1, "Buinnidh dual-chainntean sgìreil do dhualchas na Frainge", dual-chainntean sgìreil a-steach do Bhun-reachd na Frainge, ach cha tug e fìor aithneachadh laghail dhaibh. Tha Occitan agus dual-chainntean eile fhathast a’ strì airson còirichean laghail.