Taisbeanadh

Pròiseact Erasmus Plus ‘GO TO the FUTURE’

Gaelic Occitan TOgether For language Users Through United Roots and Experiences

 

Chaidh a’ phròiseact GO TO the FUTURE a stèidheachadh an dèidh do Erasmus+ na h-Eòrpa a bhith a’ sireadh thagraidhean air pròiseactan co-obrachaidh, ùr-gnathachail agus a’ co-roinn eisimpleirean de dheagh chleachdaidh.

Tha a’ phròiseact a tha seo ag amas air co-roinn le rioghachdan Eòrpach eile, eòlas a thaobh foghlam, a thuilleadh air ro-innleachdan ag amas air dualchasan cultaireal agus cànanach a chumail suas agus a bhrosnachadh.

B’ iad seo na prìomh amasan:
 
  • Cuir ris agus leasachadh dòighean teagaisg mìon-chànain agus brosnachadh cultar roinneil;
  • Meòrachadh air dòighean aire a thogail;
  • Cruthachadh innealan teagaisg is sgaoilidh ùr-gnathachaidh; agus
  • Foillseachadh luach chànanan roinneil ann an diofar raointean eòlais agus cuideachd cho cudromach agus a tha cultaran roinneil mar mheadhan air luachan saoranachd Eòrpach a sgaoileadh,

Chaidh aontachadh obrachadh le trì cànanan ann an tri sgìrean shònraichte agus far an robh freumhan gu tur eadar-dhealaichte aig an trì cànanan: Occitan, Gàidhlig agus Gaeilge.

‘S iad na trì rioghachdan compàirteachais an Fhraing, Alba is Eireann.

Tha na chaidh de smuaintean dobhainn is farsaing a-steach dhan phròiseact air ciallachadh gun deach innealan ùr-gnathachail a chruthachadh a dh’ àrdaicheas aire a’ phobail air luach cànain is cultairean roinneil. 

Le sin, chaidh innleachd foghlaim a chruthachadh le compàirteachas na pròiseict ag amas air luchd-teagaisg agus sgoilearan.  Tha e air a dhèanamh an àirde de dhuilleagan-obrach air diofar chuspairean a’ foillseachadh na diofar eileamaidean sònraichte do gach àite.  Tha na cuspairean a chaidh a chleachdadh an taghadh gus an gabhadh an cleachdadh thàr-dhiosaplaineach.

Chaidh leabhar fhoillseachadh le dealbhan bho na sgìrean Occitan agus Gàidhlig/Gaeilge agus air cuir ris le beartas de bheachdan is obair ealain bho compàirtichean an leabhar agus bidh e na inneal fhoillseachaidh, ag amas air a’ mhòr-shluagh, agus a’ cur ris an innleachd foghlaim.

San treas àite, tha an làrach-lìn, air am bheil sibh a’ tadhal an ceartuair, a’ toirt sealladh air susbaint an innleachd foghlaim, ann an cruth didseatach. Tha e cuideachd a’ toirt a–steach cur-seachadan agus goireasan eadar-ghnìomhach, leis an roghainn de mheadhanan air an cleachdadh a’ cuideachadh ionnsachadh agus cuimhneachadh eileamaidean cultarail agus cànanach.

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.