Tursachan Chalanais
Tha Tursachan Chalanais ann an cruth annasach, le cearcall anns a’ mheadhan agus ceithir loidhnichean a tha a’ tighinn a-mach a tha ann an cruth crois. Anns a’ mheadhan tha càrn-sheòmarach. Tha Tursachan Chalanais aig teis-meadhan àite far a bheil tursachan eile ri fhaicinn agus cuideachd clachan leotha fhèin – chìthear seo airson mìle no dhà timcheall air an sgìre.
Thathar den bheachd gu bheil iad nas sine na Stonehenge agus timcheall air an aon aois ri Skara Brae ann an Arcaibh. Tha cladhach arc-eòlais air dearbhadh gun deach a’ phrìomh phàirt a thogail mu 3,000 RC, agus gun deach a’ chàrn-sheòmarach a chur ris nas fhaide air adhart. Bhiodh iad a’ tìodhlaicheadh dhaoine anns a’ chàrn-sheòmarach. Bha na tursachan air an cleachdadh airson mu 2,000 mile bliadhna, suas gu mu 1,000 RC.
Mu 3,000 bliadhna air ais, ann an 1000BC, thàinig atharrachadh air a’ ghnàth-shìde. Dh’fhàs e fuar agus fliuch agus thòisich talamh mòinteach a’ fàs. Thairis air ceudan de bhliadhnachan chaidh na tursachan fo chòmhdach na mòintich gus mu dheireadh chan fhaiceadh tu idir iad! Chaidh dà mhìle bliadhna seachad gus an deach am faicinn a-rithist. Ann an 1857, chan fhaiceadh tu ach mullach na tursachan. Anns a’ bhliadhna sin, dh’òrdaich Sir Seumas MacMhathain, aig an robh Leòdhas aig an àm, obair cladhaidh a bhith air a dhèanamh agus chaidh mu 1.5 meatairean de mhòine a thoirt air falbh. ‘S ann an uairsin a lorg iad a’ chàrn-sheòmarach.
Thuig iad cho cudromach sa bha na Tursachan an uairsin agus chaidh an làrach aithneachadh mar àite clàraichte’ ann an 1882. Bha seo a’ ciallachadh gur ann le ministearan na stàite a bha na Tursachan. Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba fhathast a’ coimhead as dèidh na Tursachan as leth Riaghaltas na h-Alba.
Anns a’ Ghàidhlig bhiodh daoine ag ràdh gur iad ‘Na Fir Bhreige'. Bha aon sgeulachd ag innse gur e fuamhairean a bha annta a chaidh an tionndadh gu clach nuair nach gabhadh iad ris a’ chreideamh Chriostaidheachd. ‘S e Iain Moireasdan, à Bràgair, a thug seachad a’ chiad iomradh sgrìobhte a tha againn mu Thursachan Chalanais. Sgrìobh e ann an 1680 gur e daoine a bha anns na Tursachan a chaidh an tionndadh gu clach ‘converted into stone by ane inchanter’. Tha a’ mhòr chuid de thraidiseanan ceangailte ri na Tursachan ag innse dhuinn gur e àite airson adhradh a bha ann.
Tha na Tursachan rim faicinn anns a’ fiolm aig Pixar, Brave agus anns a’ phrògram Outlander, a tha stèidhichte air na leabhraichean soirbheachail aig Diane Gabaldon. Tha Ionad Fiosrachaidh ri taobh na Tursachan.
Loidhne-tìm
Geamannan
Tagh làrach inntinneach agus dèan rannsachadh agus cladhaich mar gu bheil thu fhèin nad àrc-eòlaiche.
Gnìomhan
- Faigh a-mach mu dheidhinn na leanas: cia mheud, meud, làrach agus dèan dealbh de na Tursachan.
- Rannsaich dè fhuair àrc-eòlaichean a-mach mu dheidhinn aois nan Tursachan, agus cuideachd mar a fhuair iad lorg orra a-rithist san 19mh linn.
- A bheil clachan sònraichte anns an sgìre agad fhèin? Ma tha, dèan rannsachadh mun deidhinn.