Tàileasg

Bileagan-Obrach     18Geamannan - Geamannan

Fir-tàileasg Leòdhais

’S iad fir-tàileasg Leòdhais na fir-tàileasg is ainmeile san t-saoghal.  Tha 78 ann dhiubh uile gu lèir agus chaidh an lorg, le nithean prìseil eile, air tràigh ann an Ùig ann an Leòdhas ann an 1831.  Chaidh an lorg anns a’ ghainmheach ann an àite fam am biodh crò ag ionaltradh.  Reic an fhear leis an robh a’ chrò na pìosan agus chaidh iad an uairsin an reic gu Taigh Tasgaidh Bhreatainn agus Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.  Tha sia dhiubh a-nis air iasad agus chìthear iad aig Taigh-tasgaidh nan Eilein ann an Steòrnabhagh.

Tha arc-eòlaichean den bheachd gur ann anns na dùthchannan Lochlannach a thàinig iad o thùs, ‘s mathaid an Nirribhidh agus gun deach iad a dhèanamh timcheall air a’ bhliadhna 1150. 

Chan eil beachd cinnteach againn ciamar a thàinig iad gu bhith ann an Leòdhas, ach bha na h-Eileanan fo smachd na dùthchannan Lochlannach timcheall air an àm sin.  Tha cuid den bheachd gur docha gun do chuir fear reic iad air falach anns a’ ghainmheach agus e air a shlighe eadar an Nirribhidh agus Èirinn.

Tha na 78 pìosan a’ dèanamh suas ceithir seataichean, le feadhainn a dhìth.  Chaidh an lorg le ceithir deug fir tàileasg agus bucall.  Tha na pìosan ann an snaidheadh gu snasail agus ‘s ann à ìbhridh uàlras agus fiaclan muc-mhara a tha iad air a dhèanamh a-mach as.  Anns a’ chruinneach seo chithear righean, bànrighrean, easbaigean, ridirean, maoir-choimhidean agus pàinean ann an cruth tùrsa Èipheiteach.  Tha aodainn inntinneach air na fir-tàileasg agus tha mòran dhaoine air a dhol dham faicinn on a chaidh an taisbeanadh an toiseach.  Dh’fhàs iad nas ainmeile buileach nuair a nochd iad anns am film ‘Harry Potter and the Philosopher’s Stone’ ann an 2001.


Eachdraidh tàileasg

‘S e geama gu math aosta a tha ann, agus thathar den bheachd gun do thòisich e ’s na h-Innseachan san 6mh linn.  Mus d’ thàinig deireadh an 10mh bha e air a chluiche air feadh na Roinn Eòrpa agus anns an Ruis.  Bha na riaghailtean agus cumadh na pìosan eadar-dhealaichte bho àite gu àite ach mus d’ thàinig deireadh an 15mh bha an geama an ìre mhath coltach ris a’ gheama a tha sinn a cluiche an-diugh.

Nochd a’ chiad iris mu thàileasg ann an 1836 agus bha feadhainn ga cluiche gu proifeiseanta le farpaisean nàiseanta agus eadar-nàiseanta a’ gabhail àite.  Chaidh a’ chiad fharpais aig ìre saoghal a chluich ann an 1886.

Tàileasg an-diugh

Tha mìltean dhaoine fhathast ga chluich, an dà chuid gu proifeiseanta agus aig ìre neo-dhreuchdail.  Tha tàileasg air-loidhne a’ còrdadh gu mòr ri daoine agus tha mòran phrògraman air coimpiutairean airson seo a dhèanamh.  Tha e air a cluich air bòrd ceàrnagach, le ochd ràghain agus ochd colbhan.  Tha gach cluicheadair a’ tòiseachadh le sia deug pìosan dubha agus sia deug pìosan geala – aon rìgh, aon ban-rìgh, dà ròcas, dà easbaig, dà ridire agus ochd fir tàileasg.  Tha na pìosan a’ gluasad ann an diofar dhòighean agus ‘s e an t-amas grèim fhaighinn air pìosan an neach a tha thu a’ cluich an aghaidh.


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Geamannan

Ionnsaich mar a chluicheas tu tàileasg agus stèidhich cluba san sgoil agad

Gnìomhan

Faigh a-mach mu eachdraidh a’ gheama agus eachdraidh Fir-tàileasg Leòdhais.  Dèan pasgan suas ag tha a’ toirt seachad fiosrachaidh mun deidhinn.

Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.