Eilthireachd
Aig diofar amannan ann an eachdraidh, tha Albannaich air a bhith ag eilthireachd gu diofar phàirtean den t-saoghal, agus tha feadhainn ga dhèanamh chun an latha an-diugh is iad a’ lorg chothroman a bharrachd ann an àite eile. Tha e cumanta dha teaghlaichean Albannach càirdean a bhith aca ann an Astràilia, Canada, Sealan Nuadh, Na Stàitean Aonaichte, no ann an Sasainn agus an Èirinn.
B’ ann nuair a bu bhochda a bha suidheachadh an eaconamaidh a chìte barrachd de dh’Albannaich a’ falbh, gu h-àraidh san 19mh agus 20mh linn.
’S ann gu Ameireaga a Tuath, a dh’Astràilia agus gu Sealan Nuadh a chaidh a’ mhòr-chuid de dhaoine. Anns an 18mh agus 19mh linn, chaidh iomadach Gàidheal fhuadach bhon cuid fearainn gus àite a dhèanamh do chaoraich, anns an robh barrachd prothaid. Uaireannan, dh’fheumadh na teaghlaichean falbh air sgàth bochdainn; bhiodh na h-uachdarain daonnan a’ cur an-àirde a’ mhàil, agus nuair nach b’ urrainn dhaibh pàigheadh, bheireadh na h-uachdarain bhuapa an cuid seilbh, no chuireadh iad chun na sitig iad. Cho-dhùin iad gun gabhadh iad an t-slighe chunnartach tarsainn a’ Chuain Shiair gus dòigh-beatha nas fheàrr a shireadh. Bha an t-slighe fada le cus dhaoine air na bàtaichean, agus bhàsaich feadhainn is iad a’ dèanamh an slighe tarsainn.
Cha robh uimhir de chosnadh ri fhaighinn bhon ghnìomhachas ceilpe, agus nuair a dh’fhàillig am buntàta anns na 1830an agus a-rithist anns na 1840an, bha feagal a’ ghoirt air iomadach duine. Thug cuid de dh’uachdarain air an luchd-màil falbh aig àm maslach air an tugar Fuadaichean nan Gàidheal.
Dh’fhàs eilthireachd na b’ fhasa do na daoine bochda le Achd na h-Eilthireachd ann an 1851. Bha fiù ’s comann air a stèidheachadh, Comann Eilthireachd na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, gus daoine a chuideachadh le ath-stèidheachadh an àite às ùr. B’ ann aig an àm seo a dh’fhàg an t-uabhas de dhaoine eileanan na h-Alba, gu h-àraidh às an Eilean Sgìtheanach, Muile, Leòdhas agus Uibhist. Bha lùghdachadh mòr ann an àireamh luchd-labhairt na Gàidhlig an Alba leis gun deach toirt air uimhir aca falbh.
B’ ann a dh’Ameireaga a Tuath a chaidh a’ mhòr-chuid de theaghlaichean. Chaidh tòrr dhen chiad fheadhainn a chaidh a-null a Charolina agus an uair sin gu Ontario no Alba Nuadh ann an Canada. Bha iomadach duine bho Ghalltachd na h-Alba, a bha nan tuathanaich no gun chosnadh, cuide ris na Gàidheil. Bha iadsan cuideachd a’ sireadh talamh, is beatha na b’ fheàrr dhaibh fhein ’s dhan teaghlaichean, an dèidh a bhith air an ruagadh leis a’ bhochdainn. An dèidh 1830 chaidh iomadach Albannach a dh’Astràilia is a Shealan Nuadh cuideachd. Thathas a’ tuairmse gun deach mu chairteal a’ mhillean Albannach dha na dùthchannan sin eadar 1830 agus 1900. Mu 1850, b’ e Albannaich a bha ann an cairteal de dh’àireamh-sluaigh Shealan Nuadh.
Dh’fhalbh mu 300,000 Albannach anns na 1920an. Dh’fhalbh mòran às na h-Eileanan, air longan eilthireachd mar an SS Màrloch agus an SS Metagama, is iad a’ giùlan mu 600 neach-siubhail bho Loch Baghasdail an Uibhist, agus à Steòrnabhagh an Leòdhas, gu Albearta agus Quebec.
Eadar 1831 agus 1931, thathas a’ tuairmse gun do dh’fhalbh faisg air trì millean Albannach às an dùthaich gus a dhol a dh’àite às ùr. Choisinn iomadach duine dhiubh sin clìu nan dùthchannan ùra – b’ e rannsachair ainmeil à Steòrnabhagh a bh’ ann an Alasdair MacCoinnich is chaidh Abhainn MhicCoinnich ann an Canada ainmeachadh às a dhèidh. B’ e Iain Muir à Dùn Barra a stèidhich Pàircean Nàiseanta Ameireaga. B’ e mac tè de dh’eilthirich Leòdhais a th’ ann an Ceann-suidhe nan Stàitean, Dòmhnall Trump, san latha an-diugh.
Loidhne-tìm
Geamannan
Cò as motha a gheibh ainmean-àite Albannach ann an Canada, Na Stàitean Aonaichte, an Astràilia agus ann an Sealan Nuadh?
Gnìomhan
- Faigh a-mach a bheil càirdean agad fhèin a bha nan eilthirich. Carson a dh’fhalbh iad agus càit an deach iad?
- Dèan rannsachadh air Albannaich a dh’fhàs ainmeil an dèidh an eilthireachd.sa bhaile agad fhèin.