Ball-Coise

Bileagan-Obrach     14Geamannan - Geamannan

Thathas air a bhith a’ cluich ball-coise ann an Alba o chionn iomadach bliadhna.

Is e Cupa na h-Alba an duais as sine ann an Comann buill-choise agus an duais nàiseanta buill-choise as sine san t-saoghal. Thòisich Comann Ball-coise na h-Alba ann an 1873. Ann an 1895 bha uimhir de chlubaichean na h-Alba a’ gabhail pàirt ann an Cupa na h-Alba is gum feumte farpais eile a chur air dòigh gus cothachadh ris an iarrtas. Tha an fharpais seo air a bhith soirbheachail thar 135 bliadhna ach le beagan brisidh air cùisean aig àm a’ Chiad agus an Dàrna Cogaidh.

Tha sgioba nàiseanta na h-Alba a’ cluich aig Pàirce Hampden ann an Glaschu. Tha iad air a’ chuairt dheireannach de Chupa na Cruinne a ruighinn naoi tursan, ged nach do chluich iad ann ach ochd tursan. Fhuair iad troimhe gu Cupa na Cruinne ann am Brasil ann an 1950 ach seach nach b’ e Alba a bha nan Luchd-gleidhidh Bhreatainn aig an àm, roghnaich Comann Ball-coise na h-Alba gun pàirt a ghabhail.

Is iongantach mur do thòisich ball-coise ann an Leòdhas mu 1893 oir ’s ann an uair sin a stèidhichear Athletic Steòrnabhaigh.

Bha tòrr luchd-tadhail an Steòrnabhagh an uair sin eadar saighdearan, seòladairean, iasgairean agus luchd-malairt agus tha a cheart cho dòcha gur iad a thug an gèam chun nan Eilean Siar.

Bhuannaich Athletic Steòrnabhaigh a’ chiad lìog ann an 1903. Ann an 1904, bha trì sgiobaidhean eile san lìog: Ramblers, Caberfeidh agus Thistle. Bha farpaisean eadar-sgìreil san dùthaich mu 1900. Bha farpaisean air leth ann an Nis, air a’ Bhac, air an Taobh Siar agus san Rubha ann an 1931 agus an dèidh sin.

Thug Comann Leòdhais is Na Hearadh

Ghlaschu cupa Eilean an Fhraoich don Taobh Siar ann an 1933 agus dh’iarr iad orra farpais a chur air dòigh do sgìrean Lèodhais is Na Hearadh. Ghabh an Taobh Siar, Nis, Càrlabhagh, Am Bac, An Rubha, Ùig, Ceann a Tuath nan Loch agus Ceann a Deas nan Loch pàirt air a’ bhliadhna sin, leis Na Hearadh is Tolastadh a’ tighinn cuide riutha an dèidh sin. Chan fhaodadh, agus chan urrainn fhathast, sgiobaidhean à Baile Stèornabhaigh pàirt a ghabhail ann an Cupa Eilean an Fhraoich. Bhuannaich an Taobh Siar an cupa air a’ chiad bhliadhna nuair a rinn iad a’ chùis air Ùig sa chuairt dheireannaich.

Tha sgiobaidhean Leòdhais is Na Hearadh a’ cluich ann an còig cupannan: Cupa Jock Stein, Cupa Leòdhais Moldòbha, Cupa Acres’ Boys agus Cupa a’ Cho-op, agus tha iad seo fosgailte do sgiobaidhean bhall-coise nan Eilean Siar air fad. Tha iad cuideachd a’ gabhail pàirt ann an Cupa Amaitearachd na Gàidhealtachd, far am bi iad a’ cluich an aghaidh sgiobaidhean à Tìr Mòr. Bhuannaich Nis an cupa ceithir turais, An Rubha aon turas, Na Lochan dà thuras agus Am Bac aon turas.

Tha Ball-coise nam Ban cuideachd na phrìomh spòrs san eilean le Caileagan Sgoil MhicNeacail fo-aois 18 a’ buannachadh Cupa Ceann a Tuath na h-Alba agus Cupa Alba nan Caileagan-sgoile iomadach turas.

Tha suidheachadh bhall-coise nan Eilean Siar fhathast gu math fallain.

Tha ochd sgiobaidhean a’ cluich ann an Lìog Leòdhais is Na Hearadh an-dràsta. Tha sgiobaidhean nas òige cuideachd aig na sgiobaidhean sin is iad a’ cluich aig ìre fo-aois 18, fo-aois 16 agus fo-aois 14. Gus an sgilean a leasachadh agus airson an dèanamh deiseil airson farpaisean, tha club leasachaidh aca a bhios a’ trèanadh an òigridh.

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

  1. Rannsaich na diofar chupannan a tha gan cluich san sgìre agamsa (Eilean an Fhraoich, Jock Stein, Cupa Leòdhais) agus cruthaich bileag/faidhle-fiosrachaidh a’ taisbeanadh do chuid thoraidhean
  2. Faigh a-mach an robh duine san teaghlach agad (seanair, pàrant, uncail, co-ogha) a’ cluich dhan sgioba ionadail. Sgrìobh aithris agus feuch ri dealbhan fhaighinn a tha a’ toirt taic dhad aithris.
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.