Alba Agus A’ Ghàidhlig
‘S e cànan Ceilteach a th’ anns a’ Ghàidhlig, gu math càirdeach ri Gàidhlig na h-Èireann agus Gàidhlig Eilean Mhanainn. Tha cuideachd Cuimris, Còrnais agus Breatnais mar phàirt de na cànanan Ceilteach.
Eachdraidh
Cha robh a leithid de rud ri Alba ann nuair a thàinig Gàidhlig an toiseach gu Earra Ghàidheal (Argyll sa Bheurla), ‘costa nan Gàidheal’, anns a’ chòigeamh linn. Bha na Gàidheil air a thighinn a-null à ceann a tuath na h-Èireann, a’ toirt rìoghachd Dhal Riata leotha. Thairis air na linntean rinn iad an slighe ‘n ear, a’ gabhail smachd air na Cruithnich, agus gu deas far an do ghabh iad smachd air far an robh na Breatannaich agus na Angles.
Bho bhith aig sàr àrd ìre mìle bliadhna air ais, tha a’ Ghàidhlig air a bhith a’ sìoladh às bhon uairsin. Bha buaidh aig fasanan agus modhan ùra ‘s na cùirtean, far an deach Fraingis a chleachdadh, agus an uairsin thòisich barrachd Inglis a’ tighinn a-steach, ann am pàirtean den ear agus de cheann a deas na h-Alba. Dh’fhàs Inglis gu math luath agus tro ùine ‘s e A’ Bheurla Ghallta a thàinig air a’ chànan seo. Bha Gàidhlig ann an suidheachadh aig deireadh na Meadhan Aoisean far an robh i air a bruidhinn air Ghàidhealtachd agus Innse Gall. Eadar an 15mh agus an 19mh linn, chaidh iomadh Achd Phàrlamaid a chur troimhe a bha a’ cur sìos air a’ Ghàidhlig gus feuchainn ri sgiùrsadh a-mach à bith, nam measg nuair a thàinig Beurla gu bhith na cànain teagaisg sna sgoiltean.
An suidheachadh an-diugh
A dh’aindheoin sin bha Gàidhlig fhathast ga bruidhinn anns na h-Eileanan agus air a’ Ghàidhealtachd, agus an-diugh tha gluasadan a’ gabhail àite gus piseach a thoirt air àireamhan luchd-labhairt. Ann an 1997 chaidh Ministeir airson na Gàidhlig a chuir an dreuchd agus ann an 2005 chaidh Achd na Gàidhlig a stèidheachadh gu h-oifigeil. An uairsin, chaidh Bòrd na Gàidhlig a chur air bhonn, buidheann poblach le dleastanas airson cùram a ghabhail airson a’ Ghàidhlig a chumail mar chànan oifigeil aig a bheil an aon urram ri Beurla ann an Alba.
Cuideachd chìthear mòran de chleachdadh na Gàidhlig aig fèisean leithid Celtic Connections ann an Glaschu agus Fèis Cheilteach Innse Gall. Tha cuideachd sianal telebhisean, BBC Alba, ann airson daoine aig a bheil ùidh sa chànan agus stèisean rèidio Radio nan Gàidheal. ‘S ann am foghlam a tha na leasachaidhean as cudromaiche air gabhail àite. Bho dh’fhosgail a’ chiad Aonad tro mheadhan na Gàidhlig ann am Brèascleit ann an 1986 (far a bheil a h-uile cuspair air a teagasg tro mheadhan na Gàidhlig) tha gluasadan mòra air gabhail àite air feadh na dùthcha.
Ged a bha cunntas-sluaigh 2011 a’ sealltainn gu robh na h-àireamhan de luchd-labhairt na Gàidhlig a’ tuiteam beagan ann an Alba, bha àrdachadh anns an àireamh de dh’òigridh fo aois 20 aig an robh a’ chànain. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu robh na toraidhean seo na mhisneachd mhòr don chànan.
Loidhne-tìm
Geamannan
Nach cleachd thu do sgilean cànain tro bhith a’ cluiche nan geamaichean a tha rim faotainn air e-stòras.
Gnìomhan
- Dèan mapa a’ sealltainn cò às a thàinig na Gàidheil, agus ciamar a ghabh iad smachd air na Cruithnich, na Breatannaich agus na Angles gus Alba a stèidheachadh.
- Faigh a-mach càit an urrainn dhut bruidhinn, èisteachd, coimhead agus ionnsachadh mun Ghàidhlig.