Fuadaichean Nan Gàidheal

Bileagan-Obrach     12Eachdraidh - Eachdraidh

Thachair ‘Fuadaichean nan Gàidheal’ anns an 18mh agus an 19mh linn nuair a chaidh àireamh mhòr de dhaoine fhògradh le làmhachas-làidir bhon cuid fearainn air a’ Ghàidhealtachd agus ann an Eileanan na h-Alba. Bha na Fuadaichean mar phàirt de thachartasan ioma-fhillteach a ghabh àite thairis air còrr is ceud bliadhna.

Tha droch ainm aig na Fuadaichean, gu sònraichte a thaobh na brùidealachd a bha an lùib nam fògraidhean seo, a dh’fhuiling luchd-màil nam fearann gun mòran rabhaidh, agus gun mòran dìon bho Lagh na h-Alba. Thachair gluasad obann cuideachd air falbh bho shiostam thraidiseanta nan cinnidhean, agus le buaidh nam Fuadaichean a’ sìor dhol am meud, còmhla ris an eilthireachd ‘saor-thoileach’ a bha a’ gabhail àite mun aon àm, rinneadh lèirsgrios uabhasach air cultar na h-Alba agus chuireadh às do mhòran de dhualchas na Gàidhlig.

Thachair tòrr imrich air sàillibh nam Fuadaichean, agus ghluais mòran Ghàidheal is Eileanach gu oirthirean na dùthcha, chun na Galltachd agus nas fhaide air falbh gu Ameireaga a Tuath agus Astràilia.

Bliadhna nan Caorach

Thachair mòr-eilthireachd eile ann an 1792, le Bliadhna nan Caorach, mar a bh’ aig na Gàidheil air. Bha uachdarain air a bhith a’ falmhachadh fearann gus tuathanais-chaorach a stèidheachadh. Ann an 1792, thog luchd-màil bho Shrath Rùsdail gearan nuair a ruaig iad 6,000 caora far na talmhainn timcheall air Àird Rois. Bha an tachartas seo, air a bheil ‘Aimhreit Chaorach Siorrachd Rois’, air a làimhseachadh aig àrd-ìre an Riaghaltais, agus chaidh na ceannaircich a thoirt gu cùirt. Ged a fhuaradh ciontach iad, theich iad bho bhith ann an grèim, agus cha robh an còrr sgeul orra.

Chaidh na daoine a ghluasad gu croitean bochda. Chaidh feadhainn eile a chur gu bailtean-fearainn beaga air oirthirean na dùthcha, far nach b’ urrainn do thuathanachas an sluagh a bheathachadh, agus far an robhar a’ sùileachadh gun tionndaidheadh iad gu obair an iasgaich. Bha an aimsir cho dona agus gum feumadh na boireannaich na beathaichean aca agus an cuid chloinne a cheangal ri creagan no ri puist le teadhraichean nuair a bha iad ag obair, airson ’s nach sguabadh a’ ghaoth iad far bhàrr nam bearraidhean. Chaidh croitearan eile a thoirt gu longan-eilthireachd, a bha a’ dol gu ruige Ameireaga a Tuath agus Astràilia.

Thachair fuadaichean eile, a bha na bu bhrùideile buileach, cho fada air adhart ri toiseach na 19mh linn.

Choisinn cuid de na h-uachdarain droch chliù air sgàth ’s gun robh iad a’ gabhail brath air an eaconamaidh chaochlaideach airson am buannachd fhèin. Dh’fhuadaich iad luchd-màil nach robh a’ dèanamh airgead dhaibh far na talmhainn, gus àite a dhèanamh airson rudan nas prothaidiche – caoraich, frìthean fèidh agus turasachd. Bha na fuadaichean a thachair air talamh Diùc is Ban-diùc Chataibh, fo smachd a’ bhàillidh Pàdraig Sellar, agus an fheadhainn a thachair ann an Gleann a’ Chalbhaidh, am measg an fheadhainn a b’ ainmeile.


Gaiseadh a’ Bhuntàta

Mar a thachair ann an Èirinn, thàinig gaiseadh air a’ bhuntàta ann an Alba ann am meadhan na 19mh linn agus cha do rinn ruathar dhen bhuinnich-mhòir ach sluagh na Gàidhealtachd a lagachadh buileach. Bha daoine acrach agus a’ bàsachadh air sàillibh a’ pholasaidh-fhògraidh leantainnich, agus thachair an dàrna fuadach air a shàillibh, nuair a rinn daoine imrich gu saor-thoileach no a chaidh an cur air falbh le spàirn. Bhàsaich tòrr chloinne agus seann daoine. Seach nach robh an còrr ann dhaibh, rinn daoine eilthireachd, chaidh iad dhan arm, no ghluais iad do na bailtean-mòra a bha a’ leudachadh aig an àm. Chaidh iad gu ruige Glaschu, Dùn Èideann agus Dùn Dè air a’ Ghalltachd, agus dhan Chaisteal Nuadh agus a Liverpool ann an ceann a tuath Shasainn. Fhuair iad airgead ann an cuid de dh’àiteachan airson falbh, ach bha gu leòr de dh’uachdarain a bha a’ cleachdadh fòirneart airson an cur às.

Ann an 1851, an dèidh dha sgrìob a ghabhail do thaobh siar na Gàidhealtachd agus do na h Eileanan, sgrìobh An R. Iain MacNèill:

“Chan eil airgead gu leòr aig muinntir nan sgìrean bochda seo airson na tha a dhìth orra de thalamh-àitich, nan gabhadh e faighinn, agus cha mhotha na sin a tha talamh gu leòr aca nam faigheadh iad an t-airgead a tha a dhìth orra.”

B’ e seo an imcheist a bh’ aig cnag na cùise. An dèidh gaiseadh a’ bhuntàta, bha barrachd dhaoine ann na chumadh am fearann.

Chaidh Comann Eilthireachd na Gàidhealtachd agus nan Eilean a chruthachadh air sàillibh gaiseadh a’ bhuntàta, agus chaidh taic a thoirt do mu 5,000 eilthireach falbh a dh’Astràilia bho na ceàrnaidhean de dh’Alba a bu riatanaiche air cuideachadh.


Leabhraichean Chloinne

  • An Turas Èigeannach  le Kathleen Fidler
  • Fuadach nan Gàidheal le Donald Gunn agus Mari Spankie

Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.