An Iolaire

Bileagan-Obrach     11Eachdraidh - Eachdraidh

Choinnicheadh tu ri aghaidhean gu math muladach ann an Leòdhas is Na Hearadh nan toireadh tu iomradh air an Iolaire. Ach gu dè a bha san Iolaire agus dè mu deidhinn a tha a’ toirt air daoine faireachdainn mar seo, cha mhòr ceud bliadhna an dèidh an ama?

B’ e gheat leis a’ Chabhlaich Rìoghail, a thogadh ann an 1881, a bha san Iolaire. Dh’aithnimichear i an Amalthea ach b’ e an Iolaire a thugadh mar ainm oirre an dèidh seo. B’ e call na h-Iolaire a’ chùis-mhulaid a bu mhotha a thug buaidh air Leòdhas ’s Na Hearadh a-riamh. Bha an Iolaire a’ giùlan sheòladairean air ais a Leòdhas an dèidh dhaibh a bhith a’ sabaid sa Chiad Chogadh. Dh’fhàg i port a’ Chaoil, air tìr-mòr, anmoch feasgar air 31 Dùbhlachd 1918. Ach, aig 2.30 madainn na Bliadhn’ Ùire, mar a bha i a’ dèanamh air port Steòrnabhaigh, dhà na thrì shlatan bho thìr agus mìle air falbh bho fhàsgadh Caladh Steòrnabhaigh, chaidh i air na creagan aig ‘Biastan Thuilm’ agus mu dheireadh chaidh i fodha. Gu h-iomlan, chaidh 174 de dh’fhir Leòdhais is seachdnar às Na Hearadh a bhàthadh aig Biastan Thuilm.

Cluinnear tric iomradh air an Iolaire ann am bàrdachd, òrain is litreachas co-cheangailte ris an eilean.

B’ e an rud a rinn a’ chùis cho cianail gun robh gairm-sìth air àite a ghabhail dìreach sia seachdainean roimhe seo agus bha na seòladairean a’ tighinn dhachaigh airson a’ chiad uair bho sguir an cogadh, deiseil gus beatha ùr a thòiseachadh, is sgrios a’ chogaidh a chur air an cùlaibh. Bha an naidheachd gun tàinig iad beò à ceithir bliadhna sa chogadh gu bhith air am bàthadh cho faisg air an dachaigh ga dhèanamh tuilleadh is tiamhaidh. Bha Eilean Leòdhais air mìle duine a chall sa chogadh fhèin agus b’ e droch bhuille eile a bha seo. Is gann gun robh dachaigh san eilean air nach tug seo buaidh. Thàinig eich is cairtean bho air feadh an eilein airson cuirp nam marbh fhaighinn – is mòran dhiubh air a thighinn air tìr air Tràigh Shanndabhaig, air taobh a-muigh Steòrnabhaigh. Cha d’ fhuaras a-riamh cuirp mu threas cuid dhen fheadhainn a chaidh a chall is, mar sin, bha cothrom adhlacaidh air àicheadh dhan teaghlaichean.

Tha sgeulachdan a chluinnear aig feadhainn a fhuair às lem beatha gu h-àraidh tiamhaidh.

Chuidich Iain F MacLeòid à Port Nis a’ mhòr-chuid gus faighinn gu tìr le bhith a’ ceangal loidhne bhon Iolaire gu na creagan. Bha aon sheòladair, Dòmhnall Moireasdan, cuideachd à Nis, a chuir seachad an oidhche le grèim bàis air crann an t-soithich.

Ach, dè thachair air an oidhche? ’S iomadh facal còmhraidh a bha a’ falbh beul bho bheul airson mìosan agus bliadhnaichean an dèidh na tubaist is e air aithris gun robh an criutha air a bhith ag òl.  Bha an criutha air slighe ùr a ghabhail agus bha fios aig mòran gum b’ e slighe a bha seo a bha ag iarraidh sgil is deagh làimhseachadh. Ged a dh’fhaodadh iad a bhith air mearachd a dhèanamh, chan eil fianais sam bith ann gun do rinn iad càil le cion diù.

Dh’fhàg call na h-Iolaire sgòth mhaireannach thairis air Leòdhas is Na Hearadh – sgòth a dh’fhàg a làrach thar ghinealachan. Chaidh clann fhàgail gun athraichean agus cuid de mhàthraichean a chaill barrachd is aon duine cloinne san tubaist. Tha e cudromach gun cùm sinn cuimhne air nì a dh’atharraich eachdraidh ar n-eilein.

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

  1. Dèan rannsachadh air òrain no bàrdachd sam bith co-cheangailte ri call na h Iolaire.
  2. Faigh a-mach le bhith a’ faighneachd dhad theaghlach no daoine anns a’ choimhearsnachd mu bhuaidh call na h-Iolaire air do bhaile no do choimhearsnachd. Sgrìobh aithris.
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.