Taighean-Solais
Bhon uair sin, chaidh na ceudan de sholais a chur mu thimcheall oirthir na h Alba airson maraichean a threòrachadh tro uisgeachan cunnartach. Chaidh Bòrd nan Taighean-solais mu Thuath a stèidheachadh ann an 1798 agus tha e a-nis a’ ruith 206 taigh-solais, còmhla ri putaichean, leòis-mhara is stèiseanan eile.
Tha eachdraidh inntinneach aig Bòrd nan Taighean-solais mu Thuath (BTT). Bha an teaghlach Stevenson ainmeil mar innleadairean agus b’ iadsan a dhealbhaich na taighean-solais thairis air ceithir ginealaichean. Thòisich an obair seo le Tòmas Mac a’ Ghobhainn, agus b’ ann airsan a bha an t-uallach airson a’ chiad taigh-solais le BTT aig Rubha a’ Chinn-àird ann an 1787. An ceann deich bliadhna, bha a leas-mhac, Raibeart Stevenson, a’ togail thaighean-solais còmhla ris. B’ e innleadair ainmeil a bh’ ann an Raibeart Stevenson, a thog co-dhiù 15 de na prìomh thaighean-solais agus a dh’innlich solais a dheigheadh air agus dheth. Bha e cuideachd an sàs ann a bhith a’ togail rathaidean-iarainn agus dhrochaidean. Lean cuid de mhic agus de dh’oghaichean e dhan dreuchd, a’ dealbhachadh thaighean-solais do BTT gu 1938.
B’ e an sgrìobhadair, Raibeart Louis Stevenson, fear eile dhen teaghlach ainmeil seo. B’ esan ogha an innleadair, Robert Stevenson. Bhiodh e a’ siubhal còmhla ri a theaghlach gu iomadh taigh-solais iomallach, agus thathar ag ràdh gun do bhrosnaich na cuairtean seo leabhraichean a leithid Kidnapped agus Treasure Island. Bha e air leth moiteil às a theaghlach, agus sgrìobh e:
Na h-Eileanan Flannach
Chaidh aon de na taighean-solais as ainmeile – no as mì-chliùitiche – ann an Alba a dhealbhachadh le Daibhidh Ailean Stevenson ann an 1899. B’ e seo solas nan Eilean Flannach, air an Eilean Mhòr. Chan eil duine a’ fuireach air na seachd eileanan creagach seo, a tha nan laighe gu h-iomallach anns a’ Chuan Siar, mu fhichead mìle an iar air Eilean Leòdhais. Ann an 1900, choisinn an t-àite droch chliù seach gun do chailleadh an triùir oifigear a bha an urra ris an t-solas, gun fhios aig duine dè a dh’èirich dhaibh. Chun an latha an-diugh, tha beachdan de gach seòrsa ann mu na thachair.
Anns na làithean sin, bhiodh an luchd-obrach a’ fuireach air an taigh-sholais airson grunn sheachdainean. B’ e Seumas Ducat am prìomh oifigear air na h-Eileanan Flannach aig an àm, agus b’ e Tòmas Marshall a bha na neach-cuideachaidh. Bha Dòmhnall MacArtair – a bhiodh ann an-dràsta ’s a-rithist – còmhla riutha an àite cuideigin a bha bochd. B’ ann air an 26mh Dùbhlachd a fhuaireadh a-mach nach robh sgeul orra, nuair a ràinig am bàta an Hesperus. B’ ise soitheach a bhiodh a’ frithealadh nan taighean-solais, agus nuair a chaidh na bh’ innte air tìr, thuig iad sa bhad gun robh rudeigin ceàrr. Cha robh sgeul air duine agus cha deach càil a sgrìobhadh anns an leabhar-aithris bhon 15mh Dùbhlachd. Cho-dhùin rannsachadh gun deach an sguabadh a-mach gu muir le tonn mòr a thàinig orra gun fhiosta.
Ann an 1912, rinn Wilfrid Wilson Gibson, Flannan Isle, pìos bàrdachd a tha ainmeil chun an latha an-diugh. Tha cuid dhen bheachd gur e na chuir e dhan bhàrdachd – agus nach robh buileach fìor – a dh’fhàg uimhir de dhaoine air am beò-ghlacadh leis an stòiridh agus a bhrosnaich a leithid de bheachdan mu na thachair, feadhainn dhiubh a’ buntainn ri co-fheall. Tha an naidheachd annasach seo air a bhith ann an iomadh sgeulachd is òran, agus tha e air fiù ’s nochdadh ann an geamannan bhidio agus opara.
Loidhne-tìm
Geamannan
Dealbhaich siostam-rabhaidh a dh’fhaodadh a bhith air a chleachdadh san latha an diugh, airson bàtaichean a chumail air falbh bho chladaichean
Gnìomhan
- Coimhead air mapa agus lorg na prìomh thaighean-solais timcheall oirthir na h-Alba.
- Dèan rannsachadh air Call nan Eilean Flannach agus sgrìobh aithisg pàipear-naidheachd air a’ chuspair.
- Sgrìobh stòiridh, stèidhichte air taigh-solais.