Mac An T-Srònaich

Bileagan-Obrach     6Eachdraidh - Eachdraidh

Chan eil mòran air Eilean Leòdhais nach eil air cluinntinn mu dheidhinn Mac an t-Strònaich.  A-rèir beul aithris bha e a’ falbh air feadh an eilein a’ muirt dhaoine aig deireadh an 19mh linn.   Tha sgeulachdan eadar-dhealaichte aig sgìrean agus bailtean Leòdhais mun sgrios a dh’adhbhraich Mac an t-Srònaich.  Ach cha b’ ann à Leòdhas a bha Mac an t-Strònaich o thùs agus tha diofar bheachdan ann mu cò às a thàinig e.  Tha aon bheachd ag innse gur ann à Siorrachd Obair Dheathain a bha e – àite air a bheil ‘Stronach’ sa Bheurla.  Bha beachd eile ag innse dhuinn gu robh taigh-òsta aig athair ann an Garbh air tìr mòr agus gur e Taigh na Sròine a bha air an taigh-òsta.   Bha ceangal aige ri Leòdhas ge-tà – bha piuthar a mhàthair pòsta aig ministear a bha air na Lochan, Raibeart MacFhionnlaigh, agus bhiodh ise a’ coimhead as a dhèidh agus a’ toirt biadh is fasgadh dha bho àm gu àm.

Tha diofar bheachdan ann cuideachd mu dheidhinn cò mheud duine a mhurt e – cuid ag ràdh aon duine dheug agus feadhainn eile ag ràdh dusan neach.  Tha cuid dhe na sgeulachdan is ainmeile mu dheidhinn sgrìobhte anns an leabhar, Mac an t-Strònaich, a sgrìobh Cailean Thormoid MacGilleathain ann an 1989.

A-rèir beul aithris bha eagal aig Mac an t-Strònaich bho dìreach dà rud – coin agus taibhsean! 

Chaidh a ghlacadh timcheall air a’ bhliadhna 1836.   Nuair a chaidh fhaighneachd dha an do ghabh e aithreachas mu rud sam bith thuirt e gun robh aithreachas aige mu leanabh a mhurt e.  A-rèir na sgeulachdan thathar ag ràdh gun do mhurt e fichead neach. 

Tha sgeulachd ag innse an là a chaidh a chrochadh gu robh e air naoi duine deug a mhurt.  Dh’fhaighnich e airson uisge-beatha agus thàinig am maor le muga mòr iarainn agus thug e dha e.   As-dèidh dha an uisge beatha òl thuirt am maor ris ‘tha thu air naoi duine deug a mharbhadh, carson nach do rinn thu fichead dheth?’.  Thionndaidh Mac an t-Strònaich ris a’ mhaor agus thug e dha am muga iarrainn mu mhullach a’ chinn, agus thuit am maor gu talamh cho marbh ri sgadan.   Thuirt Mac an t-Strònaich ‘Siud agaibh ma-thà am ficheadamh fear’.

Leis nach robh telebhisean, rèidio, pàipearan naidheachd no an eadar-lìon againn anns na làithean a bha Mac an t-Strònaich beò tha e duilich fios a bhith againn dè thachair dhà rìreabh agus dè chaidh a chruthachadh ‘s na taighean-cèilidh.  Ach, chan eil càil coltach ri deagh sgeulachd agus tha pailteas againn mu dheidhinn Mac an t-Strònaich.

 

Gnìomhan

  1. Tha thu ag obair airson pàipear naidheachd ionadail.  Tha Mac an t-Strònaich air duine a mhurt anns an sgìre agad fhèin.  Sgrìobh aithisg mu na thachair.
  2. Cleachd do mhac-meanmna airson sgeulachd a sgrìobhadh mu dheidhinn a bhith a’ coinneachadh ri Mac an t-Strònaich.  ‘S e an tiotal ‘An là a choinnich mi ri Mac an t-Strònaich’.
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.