Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

Bileagan-Obrach     10Ealain chruthachail - Ealain chruthachail

Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air a chur air dòigh leis a’ Chomunn Ghàidhealach. Chaidh am buidheann seo a stèidheachadh anns an Òban ann an 1891 agus ’s i a’ Bhanrigh an neach-taice oifigeil aca.

’S e am Mòd am prìomh fhèis ann an Alba a tha a’ comharrachadh cànan is cultar na Gàidhlig, agus a tha a’ cruthachadh chothroman dhan mhòr-shluagh pàirt a ghabhail ann an roinn fharpaisean, a’ gabhail a-steach òrain is ceòl Gàidhlig, dannsa Gàidhealach, dràma, spòrs agus litreachas.

Tha Mòd air a bhith ann a h-uile bliadhna ach a-mhàin tro bhliadhnaichean a’ Chiad ’s an Dàrna Cogaidh.

Ged is ann stèidhichte air farpaisean a tha am Mòd, bidh gu leòr eile a’ tachairt aig ‘iomall’ a’ Mhòid, far an cluinnear sàr luchd-ciùil agus sheinneadairean Gàidhlig a h-uile bliadhna.

A bharrachd air a bhith na dhòigh airson Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na dùthcha agus nas fhaide air falbh, tha am Mòd cuideachd a’ toirt togail do dh’eaconamaidh agus chultar na sgìre anns a bheil e, agus a’ togail ìomhaigh an àite gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Tha am Mòd cuideachd na chothrom do Ghàidheil ’s do Ghoill coinneachadh gach bliadhna airson seann chàirdeas a dhaingneachadh agus dàimhean ùra a neartachadh.

’S e cothrom air leth a th’ anns a’ Mhòd airson sgilean cànain a leasachadh agus tha farpais ann dhan a h-uile duine.

Tha cuid dhiubhsan a bha soirbheachail aig Mòdan a dh’fhalbh air fàs gu math ainmeil ann an saoghal a’ chiùil. Ann an 1955, bhuannaich Calum Ceanadach am Bonn Òir, agus tha mòran fhathast dhen bheachd gur e fear de na seinneadairean as fheàrr a bha a-riamh ann an saoghal na Gàidhlig. ’S ann à Sgìre nan Loch ann an Leòdhas a bha ‘An Ceanadach’, mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e. Gach bliadhna tha fireannach agus boireannach a’ togail a’ phrìomh urraim a tha seo.

Tha còisirean bho air feadh Alba, agus uaireannan nas fhaide air falbh, a’ frithealadh a’ Mhòid. Tha na còisirean a’ cur seachad fad na bliadhna ag ionnsachadh nan òran aca agus tha dàimh làidir aig na buill ri chèile. Tha farpaisean a’ Mhòid a’ tighinn gu crìch air feasgar Dihaoine le prìomh fharpais nan còisirean, Sgiath MhicShimidh agus Thulaich Bhàrdainn, ach bidh cèilidhean agus cruinneachaidhean a’ dol fada às dèidh do na farpaisean tighinn gu crìch.


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

Faigh a-mach mu na diofar àiteachan
anns an robh am Mòd air a chumail
bhon a chaidh a stèidheachadh. Cuir
na h-àiteachan air mapa de dh’Alba.
2. Dè seòrsa farpais a chòrdadh riut
fhaicinn aig Mòd nach eil a’ gabhail
àite an dràsta? Obraich le cuideigin
eile no ann am buidhnean beaga.
Feumaidh tu do bheachd a chur mu
choinneamh luchd-obrach a’ Chomuinn
Ghàidhealaich – agus cò aige tha fhios
nach nochd do bheachd-smuain aig
Mòdan san àm ri teachd!

Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.