Norrie ‘Tago’ Maciomhair

Bileagan-Obrach     9Ealain chruthachail - Ealain chruthachail

’S ann do Chàrlabhagh an Eilean Leòdhais a bhuineas an seinneadair/ sgrìobhaiche-ciùil Norrie ‘Tago’ MacIomhair, ged a tha e an-diugh a’ fuireach ann am Fìobha an dèidh iomadach bliadhna air falbh bho dhachaigh.

Aig aois 15 chaidh àite a thabhann dha Norrie aig Sgòil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phloc, far an do chuir e seachad trì bliadhna ag ionnsachadh bho chuid dhen luchd-ciùil a b’ fheàrr an Alba.

Dh’fhàs Norrie an-àirde le iomadach seòrsa ciùil, ceòl dannsa/dùthchasach agus rog nam measg ach ’s e an ùidh a tha aige ann an tuath cheòl a tha ri aithneachadh san stuth a tha e fhèin a’ sgrìobhadh. Tha na h-òrain aige ann an stoidhle ceòl dùthchail agus bha fiù ’s Latha Math na òran ceòl dùthchail bho thùs. Thug raon farsaing de sheinneadairean buaidh air bho leithid Runrig gu na h-Eagles agus Brad Paisley gu Darrell Scott.

Tha a ghnè fhèin de ‘cheòl dùthchail Gàidhlig’ air a chuideachadh gus luchd-leantainn a thàladh bho air feadh an t-saoghail, agus tha e air a bhith na chuideachadh dha gus loidhne a chur air na h-òrain airson a’ chiad chlàr a rinn e leis fhèin.

Ghluais Norrie a Ghlaschu gus an RSAMD a fhrithealadh far an do cheumnaich e le urram ann an 2009. Fhad ’s a bha e an Glaschu, b’ e Norrie a’ phrìomh sheinneadair anns a’ chòmhlan Bodega, a bhuannaich iomadach duais, nam measg BBC 2 Radio 2 Young Folk Awards. Thug seo cothrom don chòmhlan cluich aig cuid dhe na fèisean a bu mhotha san dùthaich, an Cambridge Folk Festival nam measg. Bhuannaich Bodega cuideachd Còmhlan Folk na Bliadhna aig Duaisean nan Trads aig MG Alba ann an 2008.

Bho chaidh Norrie a Ghlaschu, tha e air a bhith a’ seinn ’s a’ cluich air feadh an t-saoghail; Ameireaga, Canada, Astràilia, Coiria a Deas agus An Roinn Eòrpa nam measg.

Fhuair e cuideachd blas dhe bhith a’ siubhal an Alba leis a’ chòmhlan Skerryvore. Tha Norrie air iomadach clàr a chlàradh mar phrìomh sheinneadair cuide ri Bodega agus Mànran, agus tha e cuideachd air nochdadh mar sheinneadair air aoigheachd aig leithid Dàimh, Skippinish, Raonaid Walker agus Julie Fowlis.

’S ann ann an 2010 a thòisich Norrie na phrìomh sheinneadair le Mànran, a choisinn cliù dhaibh fhèin leis an òran Latha Math a’ tighinn a-mach air clàr singilte. B’ e Norrie a sgrìobh an t-òran agus chaidh còig mìle dhiubh a reic anns a’ chiad sheachdain air iTunes. Anns an Dùbhlachd 2011 choisinn Norrie Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna aig Duaisean nan Trads aig MG Alba. B’ e bliadhna shoirbheachail a bh’ innte sin cuideachd do Mhànran a choisinn duais Clàr na Bliadhna air an aon oidhche. Mar bhall de Mhànran, bha Norrie air chuairt an iomadach àite air feadh na Roinn Eòrpa agus Aimeireaga a bharrachd air Breatainn.

Chaidh a’ chiad chlàr a rinn e leis fhèin, Danns an Rathaid, a chur air bhog ann an 2014 bho bhratach fhèin, Tago Records. Cuide ris air a’ chlàr bha feadhainn dhen luchd-ciùil a b’ ainmeile an Alba, me Brian McAlpine, a riochdaich an clàr cuide ri Norrie agus Julie Fowlis. Tha cuid dhe na h-òrain a sgrìobh e fhèin air a’ chlàr, a bharrachd air feadhainn air an do chuir e a dhreach fhèin.

Anns an Dùbhlachd 2015, cho-dhùin Norrie Mànran fhàgail gus ùine a chosg air pròiseactan eile agus gus barrachd a dhèanamh air a cheann fhèin. Anns a’ Ghearran 2016, chaidh Norrie cuide ri Skippinish mar a phrìomh sheinneadair aca.

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

Is urrainn dhomh agallamh a dhèanamh còmhla ri Norrie airson cur ri m’ eòlas.

  • Mar phàirt de bhuidheann beag, cruthaich liosta de cheistean a dh’fhaodainn fhaighneachd dha Norrie gus am bi tuigse nas fheàrr agam air a bheatha-obrach.
  • Cuir na ceistean gu Norrie gu h-eileagtronaigeach airson agallamh a dhèanamh.
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.