Runrig

Bileagan-Obrach     8Ealain chruthachail - Ealain chruthachail

’S e còmhlan-rock Albannach is Ceilteach a th’ ann an Runrig, a chaidh a stèidheachadh anns an Eilean Sgitheanach ann an 1973 fon ainm ‘An Còmhlan Dannsa Run Rig’.

Bhon toiseach, tha Ruairidh agus Calum Dòmhnallach, a bhios a’ sgrìobhadh nan òran, air a bhith anns a’ chòmhlan. Còmhla riuthasan an-dràsta tha Malcolm Jones is Iain Bayne, a th’ air a bhith nam buill o chionn fhada, agus Bruce Guthro is Brian Hurren a thàinig o chionn ghoirid. Aig toiseach gnothaich, b’ e còmhlan dannsa a bh’ annta a bhiodh a’ cluiche mar cheòl-thriùir aig bainnsean, agus chluich iad airson a’ chiad uair ann an Talla Cheilbhinn ann an Glaschu.

Gu math tric, bithear ag ràdh gur e measgachadh de cheòl dùthchasach agus rog a th’ anns a’ cheòl aig Runrig, le faclan nan òran gu tric a’ cuimseachadh air àiteachean, eachdraidh, poilitigs, agus daoine a tha gu sònraichte Albannach. Tha na h-òrain cuideachd a’ toirt iomradh air àiteachas agus glèidhteachas fearainn.

Stèidheachadh agus Tràth-bhliadhnaichean (1973 gu 1987)

Chaidh an còmhlan a stèidheachadh ann an 1973 le na bràithrean Calum is Ruairidh Dòmhnallach agus an caraid Blair Dùghlas. Thàinig Donnie Rothach còmhla riutha an ath bhliadhna agus thòisich iad a’ siubhal taobh a-muigh an Eilein Sgitheanaich. Dh’fhàg Dùghlas an còmhlan aig deireadh 1974 agus thàinig Raibeart Dòmhnallach na àite. B’ ann mar seo a bha an còmhlan gu 1978, nuair a thill Dùghlas agus a thàinig Malcolm Jones a chluiche giotàr, iad le chèile a’ gabhail àite Raibeirt Dhòmhnallaich. Anns an aon bhliadhna, chaidh Play Gaelic, a’ chiad chlàr aig Runrig, a sgaoileadh. Bha na h-òrain air fad ann an Gàidhlig.


Mòr-Shoirbheas san Fharsaingeachd (1987 gu 1997)

B’ ann eadar 1987–1997 a bha Runrig aig àirde an cuid soirbheachais, nuair a ghlèidh iad àiteachan ann an clàran-ciùil na Rìoghachd Aonaichte, an dà chuid airson òrain fa leth agus airson clàran de dh’òrain. Bha iad a’ siubhal fad is farsaing cuideachd.

Le taic airson a’ chiad uair bho chompanaidh ciùil mòr (Chrysalis), thàinig an còigeamh clàr stiùidio aca, The Cutter and the Clan (1987) a-mach. Bha e air a sgaoileadh an toiseach leis a’ chompanaidh neo-eisimeileach Ridge Records, mus deach ath-sgaoileadh le Chrysalis. Thug seo an còmhlan gu aire a’ mhòr-shluaigh anns an Rìoghachd Aonaichte agus cuideachd ann an ceàrnaidhean eile dhen Roinn Eòrpa.

Bho 1987 gu 1995, thug Runrig a-mach còig clàran stiùidio uile gu lèir tro Chrysalis Records. A bharrachd air The Cutter and the Clan, b’ iad na clàran eile: Searchlight (1989), The Big Wheel (1991), Amazing Things (1993), agus Mara (1995).

Dh’fhàg Donnie Rothach Runrig ann an 1997 airson dreuchd ùr a’ leantainn ann am poilitigs. Bhathar a-nis a’ sireadh neach a dheigheadh na àite agus b’ e Bruce Guthro à Albainn Nuadh a lorg iad. Tha e air a bhith a’ seinn sa chòmhlan bho 1999.


40mh Ceann-Bliadhna (2013–2014)

Air 28 Ghiblean 2013, sgaoil Runrig And We’ll Sing, a’ chiad òran ùr aca ann an còig bliadhna. Aig ‘Partaidh air a’ Mhonadh’, chluich seann bhuill a’ chòmhlain, Donnie Rothach is Pete Wishart, còmhla riuthasan a th’ ann an-dràsta, agus nochd Blair Dùghlas tro bhidio goirid, a’ sealltainn mar a tha an còmhlan air atharrachadh bho 1973.

B’ e seo a’ chiad uair a bha an Rothach air cluiche còmhla ri Runrig bho 1997, agus b’ e teachdaireachd chumhachdach a bh’ ann do gu leòr a bhith a’ faicinn Guthro agus an Rothach a’ seinn còmhla, an dèidh na bh’ ann de chonnspaid am measg luchd-leantainn is luchd-sgrùdaidh a thaobh cò bu chòir a bhith na phrìomh-sheinneadair, agus cò a b’ fheàrr aig an stiùir.

Chòrd an consairt seo gu mòr ris an luchd-leantainn is ris an luchd-sgrùdaidh, agus bha gu leòr ag ràdh gur e an consairt a b’ fheàrr a bh’ aig Runrig a-riamh.

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Gnìomhan

Faighnich dha do theaghlach agus dha do charaidean am faca iad a-riamh Runrig a’ cluiche. Sgrìobh aithisg air na fhuair thu a-mach. Càit am faca iad Runrig? Cuin? Dè na h-òrain a chluich iad?

Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.