Tormod Caimbeul – Tormod A’ Bhocsair
Rugadh Tormod Caimbeul, no Tormod a’ Bhocsair mar a b’ fheàrr a dh’aithnichear e, ann an Dail bho Dheas, Nis, an Eilean Leòdhais ann an 1942. Bhuinneadh e do theaghlach de sgrìobhadairean; bha athair, (Am Bocsair) agus bràthair athar (Am Puilean) le chèile nam bàird.
Bhàsaich athair Thormoid is e gu math òg ach tha cuimhne aig Tormod air na sgeulachdan a bhiodh e ag innse dha. Thug a mhàthair cuideachd buaidh mhòr air sgrìobhadh Thormoid leis an ùidh ’s an t-eòlas a bh’ aice air daoine agus beatha làitheil na sgìre.
B’ ann nuair a bha e an Oilthigh Dhùn Èideann a thòisich e a’ sgrìobhadh airson a’ chiad uair. Sgrìobh e bàrdachd Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh san ràitheachan Gàidhlig, Gairm. Thug seo misneachd dha leantainn air adhart le chuid sgrìobhadh. Bha e soirbheachail leis an stuth a sgrìobh e do phrògram teilidh chloinne, a bha ag amas air cloinn eadar ochd is ceithir bliadhna deug, air an robh Cò Iad?
B’ ann ann a bhith a’ sgrìobhadh dràma a bu mhotha a bha an ùidh aige. Fhad ’s a bha e a’ teagasg ann an Sgoil Lìonail, bhiodh e a’ sgrìobhadh dhealbhan-cluiche gach bliadhna dha na sgoilearan a bhiodh gu tric a’ dol air àrd-ùrlar aig a’ Mhòd. Bhiodh e fhèin cuideachd a’ gabhail pàirt mar chleasaiche.
Bha Tormod an sàs ann an iomadach gnè sgrìobhaidh, me dealbhan-cluiche, bàrdachd, sgeulachdan goirid, leabhraichean chloinne agus nobhailean. Bha Jelly a’ Cho-op am measg nam pìosan a b’ ainmeile a sgrìobh e is e air aithris leis an nighinn aige, Catrìona Lexy, aig a’ Mhòd ann an Steòrnabhagh ann an 1989, nuair nach robh i ach còig bliadhna a dh’aois. Choisinn i an fharpais leis is dh’aithnichear i mar rionnag a’ Mhòid leis cho math ’s a lìbhrig i sgeulachd èibhinn a h-athar.
A bharrachd air na sgrìobh e fhèin, dh’eadar-theangaich e iomadach leabhar ainmeil chloinne dhan Ghàidhlig; An Gruffalo, A’ Chàparaid agus Nòra (a’ Chremòla) am measg an fheadhainn as ainmeile. Tha a chuid bhriathrachais, mhodhan-cainnte is ghnàthsan-cainnte nan tlachd do shean is òg.
Bha an ùidh a bh’ aige ann an daoine, àiteachan is beul-aithris ri fhaicinn anns a’ chruinneachadh a rinn e de phìosan bàrdachd is rabhdan san leabhar, Air do bhonnagan a ghaoil. Ghabh e saothair mhòr ris an taghadh seo gus am biodh e na thogail-inntinn do na h-uile.
Bha triùir de theaghlach aige fhèin is a bhean, Màiri Sìne: Catrìona Lexy a lean a h-athair ann an saoghal sgrìobhaidh is dràma, Seòras, a tha na fhear-ciùil agus Dòmhnall Alasdair, a tha ag obair sna meadhanan ach an lùib ciùil cuideachd.
Bhàsaich Tormod le aillse sa Chèitean, 2015, aig aois 72. Chaidh an leabhar mu dheireadh aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, cruinneachadh de sgeulachdan goirid, fhoillseachadh na b’ anmoiche air a’ mhìos sin.
Loidhne-tìm
Gnìomhan
- ’S urrainn dhomh mo theacsa fhìn a sgrìobhadh, stèidhichte air stoidhle sgrìobhaidh Thormoid.
- Sgrìobhaidh mi teacsa bho thùs, stèidhichte air aon de phìosan sgrìobhaidh Thormoid Chaimbeil.Cuimhnich air: Còmhdach an leabhair, agus an duilleag-cùil le tuairisgeul.