Ainmean-Àite Ann An Leòdhas

Bileagan-Obrach     7Cruinn-eòlas - Cruinn-eòlas

‘S e Eilean Leòdhais an t-eilean is fhaide tuath anns na h-Eileanan an Iar, sreath de dh’eileanan ann an iar-thuath na h-Alba. 

Anns na làithean a dh’fhalbh bha an ìre mhath a h-uile duine a bha a’ fuireach ann an Leòdhas fileanta sa Ghàidhlig, agus fhathast chun an là ’n diugh, tha comas labhairt, sgrìobhaidh agus leughaidh sa Ghàidhlig aig leth de mhuinntir Leòdhais.

Shaoileadh tu gur e ainmean Gàidhlig a bhiodh againn ann an Leòdhas ach ’s e ainmean Lochlannach a tha againn.  Tha seo air sgàth na Lochlannaich a thàinig chun na h-Eileanan mu 1,200 bliadhna air ais.  Thàinig na Lochlannaich à Lochlann agus ‘s e cànan air an robh Seann Lochlainn a bha iad a’ bruidhinn.  Bha iad ann an Leòdhas eadar 800 agus 1266, am bliadhna a stad Leòdhas a bhith air a riaghladh le dùthchannan Lochlannach agus nuair a thàinig e gu bhith na phàirt de dh’Alba bho Chùmhnant Pheairt.

Ged a tha ainmean a’ mhòr chuid de bhailtean, lochan agus beanntan bho thùs Lochlannach, tha ainmean airson sruthan beaga agus cnocan mar is trice anns a’ Ghàidhlig. 

Thairis nam bliadhnachan, seach gu robh a’ Ghàidhlig cho làidir ann an Leòdhas thàinig ‘blas’ Gàidhlig air na h-ainmean air fad.  Ach, anns na beagan bhliadhnachan a dh’fhalbh, thàinig tuilleadh de mhì-chinnt.  Nuair a thòisich na daoine a bha a’ cruthachadh na mapaichean, agus aig an robh Beurla a-mhàin, a’ tighinn a Leòdhas mu dà cheud bliadhna air ais, thug iad litreachadh Beurla air na h-ainmean a bha o thùs sa Gàidhlig agus Lochlannach.

Mar eisimpleir, tha an t-ainm Lochlannach, Tangi, a’ ciallachadh ‘stiall’ de dh’fhearann.  Thàinig seo gu bhith Tunga sa Ghàidhlig agus nas fhaide air adhart Tong anns a’ Bheurla.

Tha ainmean trice a’ tighinn bho chruth na tìre, mar cnoc no loch.  Tha ainmean cumanta cuideachd ceangailte ris an seòrsa àite-tuinidh a tha anns an sgìre sin – baile, tac no dùn.  Dh’fhaodadh àite a bhith air ainmeachadh às dèidh neach a bha uair a’ fuireach ann.  Uaireannan, ’s e measgachadh de na h-eileamaidean seo a tha air ainm àite a chruthachadh – mar eisimpleir a’ Ghàidhlig Càrlabhagh (Beurla Carloway) a bha o thùs Lochlannach agus a bha ciallachadh Karl’s Bay.  Mullach Chàrlabhaigh (Upper Carloway) a’ toirt a-steach eileamaid eile a tha ag innse dhuinn gu bheil e suidhichte air talamh àrd.

Chìthear eileamaidean Lochlannach cumanta a’ nochdadh ann an ainmean àitean anns na h-Eileanan an Iar leithid bost (tac), back (bruaichean abhainn), cros (far a bheil dà àite a’ tighinn còmhla), dal (gleann), val (cnoc no beann, holm (eilean), kirk (eaglais), lang (fada), lax (bradan), ness (rubha), vat (loch) agus vik no uig (bàgh).
Coimhead a-mach airson eileamaidean Gàidhlig anns na h-ainmean cuideachd, nam measg; àirigh (àite far am biodh iad a’ fuireach tro mhìosan an t-samhraidh le beathaichean), allt, feadan, fèith (far a bheil uisge, leithid sruthan), gleann, loch, beinn, ceann, rubha agus na puingean a chìthear air a’ chombaist (tuath, deas, sear, siar).

Anns na bliadhnachan a dh’fhalbh tha ainmean Beurla air nochdadh ann na Leòdhas, leithid Newmarket, Marybank agus Maryhill.  Tha seo a’ tachairt air sgàth gu bheil barrachd dhaoine a bhruidhneas Beurla a-mhàin.  Chìthear seo gu h-àraidh mu iomall baile Steòrnabhaigh (ged is e ainm Lochlannach a tha ann an Steòrnabhagh a’ ciallachadh Bàgh Stiùiridh).

 


Loidhne-tìm


Loidhne-tìm

Geamannan

Dèan mapa de dh’eilean mas fhios agus cuir ainm air na feartan-tìre air an eilein

Gnìomhan

  1. Rannsaich na h-ainmean a tha anns an sgìre agad fhèin agus feuch ri obrachadh a-mach a bheil iad Gàidhlig, Lochlannach, Beurla no a bheil tùs eile aca.
  2. A bheil thu a’ smaoineachadh gun do rinn ar sinnsirean obair mhath ann a bhith ag ainmeachadh an àite?  Carson?
  3. Dè seòrsa mapa as fheàrr leat a bhith a cleachdadh agus carson – mapaichean pàipear, siostaman sat nav, mapaichean Google?
Share on social networks:

Collège de Samatan Département du Gers ACPPG Comhairle nan Eilean Siar Sgoil an Taobh Siar Comunn na Gàidhlig Gaelscoil Mhíchíl Cíosóg


Erasmus+ Chaidh a' phròiseact a mhaoineachadh le Coimisean na Roinn Eòrpa.